Nuacht & Blag

Tha sinn a’ faicinn gluasad misneachail air feadh na h-Alba agus daoine a’ feuchainn ri co-chothrom fhaighinn eadar cumail suas coimhearsnachdan sgairteil agus dìon na h-àrainneachd ionadail aca. Tha a bhith a’ gabhail deagh chùram air an àrainneachd a’ freagairt gu mòr air so-sheasmhachd, a’ sealltainn nach feumte soirbheachas dhaoine a leigeil dhan dàrna taobh airson stiùbhartachd na h-àrainneachd a thoirt gu buil. Le sin, seo dhuibh ceithir aithrisean air so-sheasmhachd shoirbheachail ann an Alba a tha airidh air moladh (agus meudachadh, mas urrainnear).

 

A’ Cruthachadh Connadh à Sgudal Organach

Leis cho faisg agus a tha sinn air an uisge, chan iongnadh ged a nì coimhearnsachdan Innse Gall am bith-beò às a’ mhuir. Tha gach rud eadar Ascophyllum nodosum gu giomaich is iasg a’ cur ris an eaconomaidh ionadail. Agus gu dè ged a bhiodh goireas a bharrachd a thig on dòigh ghiullachd nach robhar a’ cleachdadh? Agus gu dè ged a chuireadh na goireasan sin ri beatha nan eilean? ’S e sin a’ cheist a tha Ionad Cumhachd Ionadail Innse Gall (OHLEH) a’ feuchainn ri fuasgladh.

Ron phròiseact OHLEH, cha robhar a’ dèanamh feum à sgudal organach a thigeadh o Chompanaidh Bhradan na h-Alba (SSC). Tron chompàirteachas aca ri Pure Energy Centre, Community Energy Scotland agus Comhairle nan Eilean Siar (CnES), thèid an stuth seo a dhèanamh na chonnadh cumhachd a tha bàidheil dhan àrainneachd.

Tòisichidh am pròiseas nuair a thèid sgudal organach bho ionad giullachd SSC ann an Eilean Leòdhais a cho-mheasgachadh ri sgudal-taighe agus sgudal-gàrraidh às an sgìre ionadail ann an tanca-lobhaidh aig Ionad Sgudal-taighe agus Ath-chuairteachaidh aig CnES. Lobhaidh meanbh-bheathaichean an stuth organach agus nìthear bio-gas uaine a bhios ga chleachdadh mar chonnadh ann an ionad teasa is cumhachd. Bheir seo cumhachd ri cruthadair-dealain a bhios a’ cumail cumhachd ri ionad-àraich èisg SSC agus làraidh-sgudail na Comhairle a ruitheas air hàidhdreaidean.

Chan e a-mhàin gun robh othail mhòr sa choimhearsnachd ionadail mun phròiseact uaine seo ach gun do ghlèidh e na duaisean VIBES Scottish Environment Business Awards ann an 2019.

 

Cumhachd Ath-nuadhachail Air Feadh na h-Alba

Tha clann nan daoine a’ tighinn ris a’ bheachd gum feumte gluasad air falbh o chumhachd nach eil ath-nuadhachail. Ged a tha an gluasad air a bhith mall gu ruige seo, tha e a’ sìor-dhol nas luaithe le leasachadh an teicneòlais agus fàs aire an t-sluaigh. ’S iad na dùthchannan a rinn an t-adhartas as motha an fheadhainn anns an robh ùghdarrasan ionadail agus riaghaltasan an sàs sa ghnothach.

Tha Comhairle nan Eilean Siar agus Tighean Innse Gall air maoineachadh fhaighinn o Riaghaltas na h-Alba gus dachannan nan eilean a dhèanamh nas uaine tro roghainnean cumhachd a tha so-sheasmach. Air aon de na h-iomairtean seo tha atharrachadh teasachadh thaighean agus thoglaichean gu pumpaichean teas-adhair, a tha nas earbsaiche agus nas uaine.

A thuilleadh air lùghdachadh ar lorg carboin choitchinn, tha na pumpaichean teas-adhair agus eile a’ gearradh sìos air na bhios daoine a’ cosg air dealan anns na h-eileanan. Gheibhear cuideachd pàigheadh gach càirteal-bliadhna o Sgeama Teas Ath-nuadhachail an Riaghaltais. Tha buannachd ann do gach cuid coimhearsnachdan ionadail agus an àrainneachd.  

 

Ath-fhiadhachadh na Gàidhealtachd

Gu tric, nuair a tha sinn a-mach air ‘soirbheachas’, tha sinn a’ bruidhinn air soirbheachas ionmhasail no eaconomach. Ach bu chòir a bhith a’ bruidhinn air glèidheadh an fhearainn fhèin. A chòrr air mothachadh dhan bhuaidh a bheirte air an àrainneachd agus lùghdachadh na h-uimhir a stuth a chaithear, cuiridh dùthchannan a bhios a’ gabhail ri so-sheamhachd dìon air na h-àiteachan anns an tig lusan is ainmhidhean beò. Ged a bhios coigrich a’ smaointinn air a’ Ghàidhealtachd mar fhrìth fhiadhaich, tha coimhearsnachd an iar-thuath ag obair gus a mòrachd nàdarra ùrachadh.

’S e iomairt Affric Highlands air aon de na pròiseactan ath-fhiadhachaidh as motha ann an Alba. Togaidh am pròiseact seo àrainneachd cho-cheangailte de chòrr is 200,000ha o Loch Nis gu Cinn Tàile thar 30 bliadhna. Thèid craobhan a chur, bruthaichean aibhnichean a dhaingneachadh, agus mòintichean a nuadhachadh gus àrainneachdan slàna a chruthachadh do dh’fhiadh-bheatha.

’S e a tha gu sònraichte brosnachail gu bheil a’ choimhearsnachd a’ dol an sàs cho mòr. Tha tuathanaich, uachdarain agus iasgairean air taic a thabhainn gus am fearann a riaghladh agus an cuid eòlais a cho-roinn. Tha sgrùdaidhean tràtha am beachd gun tig buannachd don bhradan, bhreac, bhiast-dubh, iolair-bhuidhe, chomhachag, gheàrr agus eile an cois a’ phròiseict ghlèidhteachais seo. ’S dòcha fiù ’s gum bithear a’ brosnachadh chat-fiadhaich, bhìobhairean agus leòmhnagan gu tilleadh.

Cho math ri dùthaich nas fallaine agus nas seasmhaiche, bheir am pròiseact cleachdannan àiteachais a-steach dhan sgìre a tha bàidheil do nàdar, a bhios mar bhuannachd do choimhearsnachdan ionadail agus do bhòidhchead nàdarra na Gàidhealtachd.

 

A’ Glèidheadh Feamad dhan Àm ri Teachd & A’ Lùghdachadh Eimiseanan Carboin

Ann an Innse Gall, tha sinn ag obair gu cruaidh gum bi so-sheasmhachd a’ ruith tron ghnìomhachas againn gu chùl. Bho bhuain feamad ann an dòigh sheasmhach gu bhith a’ cleachdadh cumhachd ath-nuadhachail anns an ionad giullachd, tha sinn daonnan a’ sireadh dhòighean ùra gus ar lorg carboin a thoirt an lughad.

Bidh sinn a’ falbh a-mach gu tric dha na h-uisgeachan mu thimcheall Uibhist a Tuath ach am faic sinn cho cudromach ’s a tha Ascophyllum nodosum don liuthad bhiastan-mara, a bhios ga chleachdadh mar dhachaigh no biadh no àite-falaich. Bidh sinn cuideachd a’ cleachdadh dhòighean-buana dùthchasach, agus ùra, gus dèanamh cinnteach gun cuir an goireas nàdarra seo ri beatha muinntir nan eilean. ’S e sin as adhbhar gu bheil sinn cùramach mun dòigh anns a bhios sinn a’ coimhead às a dhèidh, o thùs gu èis.

Mar eisimpleir, ’s e daoine ionadail a th’ anns an Luchd-buana againn, a leanas dòighean buain feamad nach fàg buaidh ro-mhòr air a’ ghoireas fhèin. Cha bhi iad ach a’ toirt clup beag, a’ fàgail chas na feamad air a’ charraig gus am fàs Ascophyllum nodosum a-rithist. Cùmaidh sinn sùil air a’ bhàrr gus dèanamh cinnteach nach buain sinn ach ann an àiteachan a th’ air tighinn gu ìre fhallain a-rithist.

Seach cùram a ghabhail dhen ghoireas feamad, nì sinn cinnteach gum bi am pròiseas giullachd cho uaine sa ghabhas. Le cleachdadh teasachaidh ath-nuadhachail (RHI), seach connadh-fosail, thèid an fheamainn a thiormachadh le losgadh spealgan fiodha. Tha sinn cuideachd ag obair gus tiormadair feamad ùr a chur an sàs a tha 50% nas èifeachdaiche a thaobh cumhachd na am fear a th’ againn an-dràsta.

Tha sinn air gluasad air falbh o làraidhean-lìbhrigidh airson an fhiodh-chonnaidh a thoirt a-steach. Na àite sin, bidh sinn a-nise a’ cleachdadh bàta airson luchd 1,000 tunna a thoirt a-steach gach turas. Tha seo a’ lùghdachadh a’ chonnaidh-fhosail a dh’ùisnichear ann an giùlan a’ ghoireis seo a dh’Uibhist a Tuath gu mòr.

Mar a dh’fhàsas sinn, cùmaidh sinn oirnn a’ sireadh dhòighean ùra a chuireas ris na cleachdannan so-sheasmhach againn, biodh sin le bhith a’ faighinn brosnachadh o ùr-ghnàthachadh anns a’ choimhearsnachd no a’ stiùireadh ar ceuma fhìn a rèir suidheachadh agus àrainneachd nan eilean.

 

Am bu thoil leibh barrachd ionnsachadh mu Uist Asco agus mar a chuireas sinn ri co-sheasmhachd ann an Alba? Faodaidh tu leughadh mu na cleachdannan so-sheasmhach againn agus mar a bhios sinn a’ glèidheadh a’ bhòidhcheid nàdarra agus na h-àrainneachd mun cuairt oirnn.

 

Ionnsaich barrachd mu Uist Asco

 

Artagailean Eile

A’ Bhuaidh Mhòr a Nì Companaidhean ann an Coimhearsnachd Bheag

A’ Cumail a’ Ghnìomhachais a’ Dol, gu Sàbhailte

Eachdraidh Buain na Feamad agus a Giullachd ann an Uibhist