Nuacht & Blag

Le:  Jean-Pierre Brien, Stiùiriche Phròiseactan, An Roinn Eòrpa

’S e rud sònraichte luachmhor a th’ ann am beatha ann an eilean dùthchail. Dh’fhaodadh gu bheil e doirbh a chreidsinn do mhuinntir a’ bhaile mhòir cho faisg ’s a tha sinn ri nàdar agus ar nàbaidhean. An dèidh a bhith ga fhiosrachadh dhomh fhìn, cha reicinn air òr na Roinn Eòrpa e.

Ge-tà, tha an dòigh-beatha seo a’ fàgail gu bheil sinn tric deagh astar o stuthan, goireasan agus seirbheisean riatanach – ris am bi daoine eile a’ gabhail cha mhòr gun smaoineachadh. Faodaidh sin a bhith dùbhlanach do mhuinntir nan eilean. Ach, le deagh chàirdeasan coimhearsnachd, cho math ri cosnaidhean deagh-phàighte aig fastaichean ionadail, tha iad mar slabhraidh a chumas coimhearsnachd ri chèile.

Aig Uist Asco, ’s fhada o bha sinn a’ gabhail ar dleastanais oirnne fhìn do bheò-shlàinte muinntir Innse Gall. ’S e a tha brosnachail gu bheil barrachd riaghaltasan agus bhuidhnean ag aithneachadh nan dleastanasan a th’ orra. Mar a tha an t-ochdamh Amas Leasachadh So-sheasmhach an U.N. ga chur: tha “fàs leantainneach, in-ghabhaltach agus so-sheasmhach, làn-chosnadh tarbhach, agus deagh obair do na h-uile” mar fhiachan air fastaichean dùthchail.

Bhon t-sealladh againne, seo mar a dh’fhaodas stiùbhardan coimhearsnachd cur ris a’ chreideas gun dleas a h-uile neach deagh chosnadh agus fàs eaconamach.

A’ Cumail Co-chothrom Rèidh

Le bhith a’ fuireach dlùth dhan fhearann, tha tuigse am measg eileanaich air cho maoth so-bhristeach a dh’fhaodas an àrainneachd a bhith. Gu sìmplidh, nuair a tha nàdar ceithir-thimcheall ort, tha cuimhneachan buan agad air mar a dh’fhaodas obair agus beatha-làitheil a bhith a’ toirt buaidh air co-chothrom nàdair (agus an rathad eile). Tha e na chomharra dhuinn gum bu chòir dhuinn strì airson beatha nas uaine agus nas so-sheasmhaiche.

Seall fhèin air dualchas na croitearachd. Dh’ionnsaich croitearan mar a b’ fheàrr a bhith an eisimeil na h-aimsire: a’ falbh dhan mhuir airson biadh nuair a bha am bàrr fo chunnart tiormachd no teas mòr. Tha fastaichean nan eilean air gabhail ris an dòigh-obrach seo cho math.

Mar eisimpleir, bidh sinn a’ gabhail cùram air buain feamainn Albannach agus gleidheadh a’ ghoireis seo airson ghinealaichean ri thighinn. Bheir sinn trèanadh do dhuine sam bith a thigeadh a bhuain do dh’Uist Asco. Thèid daoine ùra ionnsachadh mu na dòighean-buana seasmhach againn a bhith a’ toirt Ascophyllum nodosum às a’ chladach ann an dòigh nach dèan cron air bun na feamad, a bhios ga bhrosnachadh gu fàs às ùr sna bliadhnaichean ri teachd.

Tha sinn cuideachd a’ gabhail for air a’ bhuaidh chruinneil againn, on a bhios an dòigh anns am bi sinn a’ ruith ar companaidh a’ toirt buaidh air atharrachadh na gnàth-shìde. On a tha e mar amas don R.A. a bhith carbon-neodrach ro 2050, tha dleastanas air gach gnìomhachas an cois an amais seo. Gun teagamh, tha sgioba Uist Asco daonnan a’ siubhal dhòighean anns am faod sinn ar lorg carboin a lùghdachadh. Bidh sinn fiù ’s a’ cleachdadh teasachaidh ath-nuadhachail (RHI), seach connadh fosail, ann an tiormachadh a’ bharra feamad, a’ lùghdachadh na sgaoileas sinn de eimiseanan agus a’ lùghdachadh na buaidhe a bhios aig atharrachadh na gnàth-shìde air a’ choimhearsnachd eileanach againn.

A Bhith nar Deagh Nàbaidh

Gu h-eachdraidheil, tha sgìrean iomallach air fulang ri linn easbhaidhean ann an tasgadh ionmhasail agus bun-structair. Leigidh na goireasan sin le daoine a bhith a’ leasachadh an coir fhèin. Ged nach eil seo do-dhèanta do choimhearsnachdan dùthchail eileanach, feumaidh buidhnean agus riaghaltasan a dhol an sàs, a’ tasgadh agus a’ cuideachadh na tha mun cuairt orra.

Dè tha e a’ ciallachadh do bhuidhnean a bhith nan deagh nàbaidhean? Chì sinn dà dhòigh air seo:

  • A’ gabhail cùram air àiteachan agus goireasan coitcheann
  • A’ toirt làmh chuideachaidh do dhaoine a tha feumach oirre

 

Tha an dàrna puing tric a’ ciallachadh bun-structar. Tha rathaidean, drochaidean, puirt, siostaman òtrachais, lìonraidhean conaltraidh, agus eile, uile air an cleachdadh le buill na coimhearsnachd, agus tha earrann againn uile annta. Tha sinn gu dìcheallach a’ dol an sàs ann an cumail suas nan cidheachan cladaich. Nuair a bhathar a’ càradh Cidhe nan Iasgairean ann an Loch nam Madadh, chàraich sinn an roinn fon chidhe a bh’ air a sguabadh às, ga fàgail na b’ fheàrr na fhuair sinn i.

Tha a’ phuing eile, a bhith a’ cruthachadh deagh chosnadh do dhaoine, a cheart cho cudromach. Leis nach e luchd-obrach tuarastalaichte a th’ anns an Luchd-buana, tha an cead fhèin obrachadh nuair a bu mhiann leotha. Ge-tà, chan eil sin a’ ciallachadh nach cùm sinn taic agus goireasan riutha a leigeas leotha obrachadh gu tarbhach. Tabhainnidh sinn:

  • Trèanadh dhaibhsan nach do bhuain a riamh
  • Prògraman ionmhais don Luchd-buana mu choinneamh eathraichean agus einnseanan
  • Lìn, ròpannan, agus corrain a bhuain na feamad gu tarbhach

 

Faodaidh buidhnean a bhios a’ cur na h-aon chleachdannan an sàs a bhith a’ leasachadh choimhearsnachdan dùthchail le airgead tasgaidh. Le bhith a’ tabhainn na h-uidheamachd agus na taice do dhaoine a bhith a’ leasachadh an coir fhèin, tha na companaidhean seo a’ cur ri seasmhachd an coimhearsnachdan.

A’ Cumail Ginealach Òg san Eilean

Faodaidh gleidheadh sluaigh a bhith na dhùbhlan do choimhearsnachdan eileanach, agus tha sin fìor do choimhearsnachdan Innse Gall. Sna bliadhnaichean a dh’fhalbh, bha deagh adhbhar air a shon. Cha robh dà roghainn aig mòran. Dh’fhalbhadh an òigridh a lorg chothroman cosnaidh, ged a bha e duilich soraidh slàn fhàgail rin càirdean agus eilean an àraich. Ach cha mhotha a dh’fheumas an às-imrich seo leantainn air an-diugh.

Ged nach robh mi fhìn an seo sna 90an, ’s dòcha gun robh làrach-lìn Innse Gall Bhiortail air thoiseach air càch a’ togail aire gum faod eileanaich am beò-shlàinte a dhèanamh sna h-eileanan. Sheall e an liuthad dhòigh san robh companaidhean a’ tabhainn deagh chosnaidhean agus chothroman ionadail. Do luchd-obrach air astar, ’s math sin. Ach dhaibhsan le sgilean nas tradaiseanta? Tha an fhreagairt againne.

Nuair a stèidhich Raghnall MacIain Uist Asco, bha tuigse aige gum faodadh reic na feamad torraich, a thàinig às na h-uisgeachan againn fhìn, a bhith a’ cur ri inbhe beatha muinntir nan eilean. Tha Acadian Seaplants a’ leantainn oirnne leis an lèirsinn seo ann an grunn dhòighean. An toiseach, gheibh duine sam bith a thig a bhuain dhuinn prìs chothromach air an fheamainn, a’ cumail deagh chosnadh riutha. Cuideachd, tha feum air daoine dìcheallach innleachdach airson am bàrr a ghiullachd, a’ tabhainn obair sheasmhach do eileanach, le deagh shochairean.

Tha sinn a’ faicinn gheallaidhean on ùghdarras ionadail agus ùghdarras leasachadh coimhearsnachd Riaghaltas na h-Alba. Dhaibhsan a tha airson fuireach no tilleadh san sgìre, tha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIE) agus Comhairle nan Eilean Siar (CnES) air dreuchd 12-mìos a stèidheachadh gus daoine a chuideachadh a dhèanamh am beatha sna h-Eileanan Siar. ’S e Kareen MacRury, bana-Thuathach, a’ chiad neach san dreuchd seo. Tha an dreuchd aice air aon de thrì obraichean tuineachaidh, a bhios gan stèidheachadh air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, gus daoine a thàladh dhan sgìre, comhairle imprig a thoirt seachad, agus fiosrachadh a chruinneachadh mu dhùbhlain an cois tuineachadh, agus airson stiùireadh a thoirt do ghnìomhan eile san àm ri teachd.

A’ bruidhinn air tuineachadh, tha planaichean againn airgead a chur mu seach airson taigheadas coitcheann do luchd-obrach agus teaghlaichean òga a thogail ann an Innse Gall. Ag obair còmhla ri buidhnean ionadail eile, tha e nar n-amas gum bi e nas fhasa do dhaoine a bhith a’ fuireach anns an eilean – agus ’s dòcha daoine ùra a thàladh dhan sgìre.

Am bu thoil leat barrachd ionnsachadh air mar a chuireas Uist Asco ri deagh chosnadh agus fàs eaconamach? Lean sinn airson na naidheachd as ùire air a’ ghnìomhachas agus ar lèirsinn.

 

Leugh ar naidheachdan

 

Related Articles

4 Aithrisean air Soirbheachas So-sheasmhach ann an Innse Gall agus Alba – A’ Cur Ar Saoghail Am Feabhas

A’ Bhuaidh Mhòr a Nì Companaidhean ann an Coimhearsnachd Bheag

Eachdraidh Buain na Feamad agus a Giullachd ann an Uibhist