Tha sinn a’ cumail sùil gheur air sgapadh cruinneil a’ Choròna-bhìorias agus a’ leantail gach stiùireadh agus riaghailt bhon riaghaltas agus na h-ùghdarrasan slàinte. Bu mhath leinn dearbhadh gu bheil sinn a’ gabhail ris gach earalas gus sàbhailteachd ar Luchd-obrach, ar Luchd-buana, na teaghlaichean is na coimhearsnachdan aca a chur air thoiseach. Ri linn an t-suidheachaidh èiginnich seo tha sinn dealasach gum bi solar seasmhach a’ bhìdhe a’ leantail agus cumaidh sinn oirnn a bhith ag obrachadh còmhla ris an Luchd-obrach agus an Luchd-buana againn gus cur an aghaidh an dùbhlain seo.

 

Na Tha Sinn Air Dèanamh

Tha sinn a’ sìor-bhrosnachadh slàinteachas pearsanta aig an taigh agus aig obair: nighe làmhan bitheanta, casadaich nur n-uilinn, gun a bhith a’ beantainn rir sùilean, beul agus sròn. Tha iadsan a tha air siubhail air an cumail fa leth. Anns na factoraidhean, thathas a’ cur astarachadh sòisealta an sàs (beàrn 2 mtr). Tha astarachadh sòisealta agus fèin-iomallachadh air an cur an sàs air feadh na companaidh le cleachdannan obrach, clàran-obrach agus pròiseasan eile a tha ùr. Tha sinn ag iarraidh air na daoine againn iad seo a chur an sàs aig an taigh cuideachd.

Chan eilear a’ cumail choinneamhan ann am buidhnean – cha liùgamaid gun cruinnicheadh àireamh dhaoine sam bith, tha uairean tràth-bìdhe a’ dol mu seach gus astarachadh sòisealta a chur an sàs (beàrn 2mtr), dian-ghlanadh an àite-obrach agus clàran-ama dì-ghalarachaidh agus glanadh na h-uidheamachd as trice air a chleachdadh mar innealan, pinnt, iPads, fònaichean, sgrìonaichean, agus stuth eile a thèid a chleachdadh leis an Luchd-obrach.

Tha sinn air dòighean ùra a lorg gus daoine a chumail air leth, a thuilleadh air na mholas na riaghaltasan. Sguireadh siubhail airson gnothachas: eadar-nàiseanta, sgìreil agus tha ùine fèin-iomallachaidh 14-làithean mu choinneamh gach Neach-obrach a tha air siubhail (gnothachas agus pearsanta).

Tha luchd-obrach na h-oifis ag obair bhon taigh, far a ghabhas sin dèanamh, agus tha àireamh cuingealaichte le cead a dhol a-steach dha na h-àiteachan-obrach – tha dorsan a-muigh tèarainte agus fo sgrùdadh fad na h-ùine agus tha riaghailtean ùra mu choinneamh lìbhrigeadh bathair – chan fhaighear a-steach gun chead agus thèid gach riaghailt ùr seo a leantail mar gach cùis sàbhailteachd eile.

Tha buaidh a’ Choròna-bhìorais a’ fàgail gum feum sinn an dòigh anns am bi sinn ag obair atharrachadh airson sàbhailteachd na h-uile. Mar a leasaicheas an suidheachadh, cumaidh a’ chompanaidh seo oirre a’ leasachadh mar a dh’fheumas gus sàbhailteachd agus sunnd dhaoine a dhìon.

 

Mar A Tha Sinn Nar Seirbheis Riatanach

Tha am bathar a nì sinn mar phàirt dhe solar biadh dhaoine. Tha gach Riaghaltas air ràdh nach eil iad airson bacadh a chur air solar a’ bhìdhe, ach gun lean sin. Thèid am bathar againn a chleachdadh gu biadhadh stuic agus fàs bàrr, a tha mar phàirt dhe solar biadh dhaoine. Tha sin air na h-uimhir a dhèanamh gus dìon a chur air na daoine againn agus bacadh a chur air a’ bhìoras, fhad ’s a tha sinn a’ leantail leis a’ ghnìomhachas gus am bi solar a’ bhìdhe ag obrachadh mar as còir. Tha e mar fhiachaibh oirnn a bhith a’ coileanadh ar n-obrach gus biadh a chumail ri daoine air feadh an t-saoghail.

 

A’ Dol Air Adhart

Cumaidh sinn oirnn a bhith a’ leantail stiùiridhean gach riaghaltais a thaobh a’ Choròna-bhìorais. Bidh Ceannard na Companaidh a’ cumail coinneamh ceannais gach latha gus sùil a chumail air gach oidhirp a th’ againn a thaobh a’ Choròna-bhìoras agus tha sinn a’ lorg dhòighean ùra gach latha airson cur ris an dòigh ’s a tha sinn ag obair gus an tuilleadh dìona a chur air ar Luchd-obrach is air ar Luchd-buana. Cumaidh sinn oirnn leis na dòighean-obrach ùra èasgaidh seo gus dìon a chur air na daoine againn, fhad ’s a leanas sinn stiùiridhean an Riaghaltais nar n-obair saothrachaidh.