A’ fàs gu pailt air na cladaichean againn, sùghaidh Ascophyllum nodosum maitheas gathan na grèine agus uisgeachan glana a’ Chuain Uibhistich. Bidh iad seo a’ leigeil leis an fheamainn fàs gu math, a’ tarraing iomadh seòrsa beathachaidh às an àrainneachd nàdarra neo-thruaillte seo.
Càit an tèid feamainn Albannach an dèidh dhuinn a giullachd? Seo agaibh corra feum a thèid a dhèanamh à feamainn ann an Alba, agus air feadh an t-saoghail:
’S e stòr nàdarra torrach do bhiadhadh agus leasachadh-bìdhe stuic agus a th’ anns Ascophyllum nodosum Albannach. Tha fianais gum bi an stoc, na peataichean agus beòthaichean-taisbeanaidh a dh’itheas feamainn anns a’ bhiadhadh aca nas sunndaiche, nas làidire agus nas fallainne.
Feumar gach lus ùir fhallainn thorrach gu failleanachadh agus fàs. Bidh na leasachaidhean-ùire anns anns a bheil an fheamainn dhonn againne air an saoibhreachadh leis a’ bheathachadh a tha a dhìth gus fàs a bhrosnachadh.
An-diugh, tha daoine nas mothachaile air an slàinte, a’ siubhal biadh fallainn anns am faigh iad am beathachadh a tha a dhìth orra. ’S e stòr math de bhiadh nàdarra fallainn, rud ris an cante nutraceutical, a th’ anns an fheamainn Albannach a dh’fhaodas cur ri slàinte is soirbheas dhaoine air feadh an t-saoghail.
FEMAS-57630