Bho chian nan cian bhiodh na h-uisgeachan glana mu thimcheall nan Eileanan Siar a’ cumail stòras nàdarra prìseil ris na coimhearsnachdan eileanach.
’S fhada o bha an fheamainn-bhuidhe (no Ascophyllum nodosum) ga cur mar thodhar air an talamh, ga toirt do bheòthaichean, agus a’ saoibhreachadh beatha muinntir Uibhist. Gu ruige nan 1980an, bhiodh Luchd-buana na sgìre ag rèic na feamad seo ri companaidhean-feamad ann an Inbhir Gharbhain (Girvan), a’ cur ri eaconomaidh an eilein.
Tha Uist Asco dealasach ann a bhith a’ neartachadh a’ cheangail eadar muinntir nan Eileanan Siar agus Ascophyllum nodosum – an-diugh agus san àm ri teachd.
Ann an 2012, stèidhich Raghnall MacIain agus a theaghlach Uist Asco ’s e a’ faicinn mar a dh’fhaodadh feamainn Uibhist a Tuath cur ri maitheas beatha muinntir nan Eileanan Siar. Tro na h-oidhirpean tràtha aca, rinn iad adhartas gu leòr a leig le Acadian Seaplants Limited an obair a ghabhail os làimh gus an t-amas ud a leantail.
Air dhuinn Uist Asco a cheannachd, tha sinn air cùram nach beag a ghabhail a’ cur air adhart a’ ghnìomhachais agus a chuid dhualchais fhad ’s a ghlèidheas sinn stòras na feamad. Tha sinn air ionmhas a chur a-steach dhan fhactaraidh giullachd, pàigheadh àrdachadh don Luchd-buan agus air Manaidsearan agus Luchd-Saidheans Ghoireasan fhastadh gus dìon a chur air an fheamainn. Chan eil an sin ach toiseach-tòiseachaidh.
Thar nam bliadhnaichean, tha an fheamainn againn air a dhol thar an t-saoghail, a’ mathachadh raointean uaine goilf na Roinn Eòrpa agus a’ beathachadh chàmhail-rèisidh phrìseil anns an UAE. Mar a dh’obraicheas sinn gus na càirdeasan sin a neartachadh, bu mhath leinn cuideachd càirdeasan ùra a thogail:
FEMAS-57630