An Luchd-obrach

 

Tha an companaidh feamad againn bunaichte ann an Alba, agus tha sinn moiteil às an dualchas sin. Bidh sinn a’ gabhail pàirt san dualchas, sa choimhearsnachd agus ann am beatha phoblach Uibhist a Tuath. Bidh an luchd-obrach againn ag obair ann an àrainneachd far a bheil daoine air am meas feumail, agus bidh iad a’ cur ris an dachaigh eileanach aca agus an t-saoghal nàdarra a tha timcheall orra. Coinnichibh ris na daoine a tha trang a’ leasachadh gnìomhachas na feamad ann an Alba agus iad-san a tha an geall air ath-bheòthachadh feamainn Innse Gall.

Jean-Pierre Brien Uist Asco

Jean-Pierre (JP) Brien

Manaidsear Pròiseict

Thòisich mi ag obair do dh’Acadian Seaplants, an companaidh leis a bheil Uist Asco, mar Oileanach-trèanaidh Einnseanaireachd. An dèidh dhomh ceumnachadh, thòisich mi leis a’ chompanaidh mar Einnseanair air an tuathanas-feamad air tìr aca, agus an uair sin aig gach làrach-giullachd eile a th’ aig a’ chompanaidh. Nuair a cheannaicheadh Uist Asco ann an 2017 le Acadian, fhuair mi an cothrom tighinn a-nall a dh’Uibhist a Tuath a stiùireadh am pròiseact. ’S e cothrom air leth a bh’ ann a dh’fhaicinn an sgioba a’ fàs cho luath agus a bhith a’ cuideachadh ri pròiseact cho mòr a stèidheachadh an seo. Tha mi moiteil às an deagh bhuaidh a tha Uist Asco air toirt air a’ choimhearsnachd, stòras na feamad agus eaconomaidh an eilein.

Casey McIntyre Uist Asco

Casey McIntyre

Manaidsear Ghoireasan

Thòisich mi aig Uist Asco mar Teicniche-Cuideachaidh Ghoireasan agus bhithinn ag obair san fhactoraidh nuair a bhiodh an luchd-obrach eile air làithean-saora no a’ buain feamad. Mu dheireadh fhuair mi dreuchd mar Mhanaidsear Ghoireasan. Leis gun robh mi an ceann caochladh obraichean anns a’ chompanaidh, tha tuigse agam air an obair mhòr a tha sinne ris agus sin a’ leigeil leam cùrsa m’ obrach a chur air adhart.

Ag iarraidh nan naidheachdan as ùire air a’ bhuain, a’ choimhearsnachd agus Uist Asco?

Leugh am Bloga Againn

Deiseil gus bith-beò a dhèanamh fhad ’s a nì thu diofar?

Thig a Bhuain