Ár mBainteoirí

 

Tha e nar rùn a bhith a’ sàsachadh miann an t-saoghail air feamainn Albannach a tha gu tur nàdarra, ach feumaidh sinn solar seasmhach an toiseach. Tro obair chruaidh an Luchd-buana mar a tha thu fhèin, faodaidh sinn uile soirbheachadh le bhith a’ buain agus a’ giullachd an stòrais luachmhoir sho-ùrachaidh seo.

Dèan Do Bhith-beò A’ Buain Feamad

 

Sna làithean a dh’fhalbh, b’ e gnìomhachas na feamad (alginate) an aon mhargaidh anns am faodadh an Luchd-buana an earbsa a chur.

 

An-diugh, bidh Uist Asco a’ solarachadh Ascophyllum nodosum ionadail do ghnìomhachasan agus luchd-ceannachd ann an Alba agus air feadh an t-saoghail airson caochladh chleachdaidhean bho bhiadhadh stuic gu leasachadh-ùir. Mar a dh’obraicheas sinn gus an t-iarrtas cruinneil air a’ bhathar againn a shàsachadh, faodaidh earbsa a bhith agad ann an obair Uist Asco gum bitheamaid a’ buain fìor dheagh fheamad.

 

Mar stèidh a’ ghnìomhachais againn, bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil an Luchd-buana againn riaraichte le deagh phàigheadh agus sochairean eile. A rèir an luchda a bheir sibh a-steach, bidh e nad chomas teaghlach a thogail air neo cur ris an tuarastal agad – tha do roghainn agad-sa.

Mar a Chuidicheas Sinn Air an t-Slighe

 

Ged a gheibh thu às a’ bhuain na chuireas tu a-steach ann, gheibh sibh ar làn-taice. Bheir sinn uidheamachd agus goireasan don Luchd-buana ach an cosnaich iad uiread sa ghabhas a’ buain:

  • Prìs chothromach air an fheamainn a bhuaineas an Luchd-buana
  • Trèanadh san dòigh-obrach ghoireasach uaine againn a chuireas sgoth is ràcan gu feum
  • Prògraman maoineachais don Luchd-buana a tha gus tòiseachadh airson sgothan agus einnseanan
  • Lìontan, ròpannan agus corrain gan toirt don Luchd-buana
  • Taic bho Stiùirichean Ghoireasan agus Luchd-saidheans Ghoireasan a bhios a’ sgrùdadh agus a’ tomhas na feamad ionadail
  • Ionmhas do bhun-structar buain na feamad san eilean le bhith a’ leasachadh làimrigean gus giùlan na feamad a dhèanamh nas fhasa

Deiseil gus bith-beò a dhèanamh fhad ’s a nì thu diofar?

Thig a Bhuain

Ag iarraidh nan naidheachdan as ùire air a’ bhuain, a’ choimhearsnachd agus Uist Asco?

Leugh am Bloga Againn