O thòisich a’ bhuain ann an 2017, bha e nar rùn feamainn a bhuain gu so-sheasmhach ach an cuir sinn ri slàinte is soirbheas muinntir nan Eileanan Siar ann an Alba.
20 Aibreán 2021 | Coimhearsnachd
O chionn ghoirid, tha mi air a bhith a’ meòrachadh mu àite chompanaidhean ann an coimhearsnachdan beaga, bhon a tha 4 bliadhna o thàinig mi a dh’Uibhist a Tuath. Bidh mi ag obair aig Uist Asco, gnothachas buain agus giullachd feamad ann an Uibhist a Tuath. ’S e coimhearsnachd bheòthail a th’ ann, stèidhichte ann an ceàrnaidh àlainn de dh’Alba. ’S ann às Alba Nuaidh a tha mise – thug mi ceum a-mach ann an innlearachd aig Halafacs, baile meadhanach mòr anns a bheil timcheall air leth mhillean duine. On t-sealladh agamsa, chì mi na dh’fhaodas companaidh agus an luchd-obrach cur ri coimhearsnachd bheag – uaireannan ann an dòighean nach biodh cho nochdaidh ann am bailtean mòra.