Leis a’ choimhearsnachd againn cho faisg air a’ chladach, bidh daoine ann an Innse Gall gu cunbhalach a’ tighinn tarsainn farsaingeachd de dh’fhiadh-bheatha na mara. ’S dòcha nach eil fios agad gu bheil 50% gu 80% de bheatha na talmhainn ri fhaighinn anns a’ mhuir. Do ghnìomhachasan agus choimhearsnachdan a tha a’ dèanamh bith-beò anns na h-uisgeachan sin, no faisg orra, tha miann ann dèanamh cinnteach gu bheilear a’ toirt spèis agus dìon do ghnèithean iongantach nan cladaichean sin, agus nas fhaide air falbh. Tha sin a cheart cho fìor ann an Innse Gall agus a tha e an àite sam bith eile air feadh an t-saoghail.
Mar a mhìnich sinn roimhe seo, ghabh na Dùthchannan Aonaichte ri 17 Amasan Leasachaidh Sheasmhaich (SDGan) gus àm ri teachd nas fheàrr a thoirt do dhaoine agus don phlanaid. Tha sinn air bruidhinn mu chuid de na SDGan sin ann an co-theacs seasmhachd àrainneachd na h-Alba agus fàs eaconamach ann an Innse Gall, ach tha SDG 14 an UN, glèidheadh agus cleachdadh seasmhach cuantan agus stòrasan mara, gu sònraichte fo ùidh Uist Asco agus a luchd-obrach.
Tha àrainneachd mara làidir cudromach chan ann a-mhàin don ghnìomhachas againn ach do ar luachan mar luchd-glèidhteachais. Air feadh a’ chompanaidh againn, tha buill de na sgiobaidhean Saidheans Ghoireasan agus Riaghladh Ghoireasan air a bhith a’ tadhail agus a’ fiosrachadh ’s a’ cumail sùil air na stòrasan feamad, a’ dèanamh sgrùdadh air slàinte na h-àrainneachd ionadail, agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuain a’ dol gu sàbhailte agus gu seasmhach.
Ann an Innse Gall, bidh an Sgioba Ghoireasan Saidheansail a’ co-òrdanachadh nam measaidhean leantainneach air Ascophyllum nodosum, agus bidh na Manaidsearan Ghoireasan ag obair còmhla ri luchd-buain ionadail gus buain sheasmhach a thoirt gu buil. Tha an obair aca gach cuid a’ cumail ri UN SDG 14 agus a’ cur ri dìon beatha na mara.
Mar a tha ar n-obair a’ toirt taic do Amas Leasachaidh Sheasmhaich 14 aig an UN
Tha a’ mhuir ro-dheatamach airson sàsachadh fheumalachdan sluagh na cruinne a tha a’ sìor-fhàs. Ach, bu chòir cleachdadh coimeirsealta an àite seo a bhith air a dhèanamh an-còmhnaidh ann an dòigh ro-innleachdail agus seasmhach.
Bidh pàirt chudromach aig Saidheans Ghoireasan agus Riaghladh Ghoireasan ann a bhith a’ dèanamh cothromachadh eadar seasmhachd eaconamach, shòisealta agus àrainneachdail an lùib buain Ascophyllum nodosum. Ann an Uibhist, tha an Sgioba Ghoireasan a’ suidheachadh crìochan air a’ bhuain gus dèanamh cinnteach nach tèid cus bhuain a dhèanamh den ghoireas agus gus an cumte an àrainneachd slàn fallainn. Bidh Sgioba Riaghladh Ghoireasan ag obair gach latha còmhla ri luchd-buain ionadail gus an luchd cheart a ghearradh Tha am meud sin air a dhearbhadh leis an Sgioba Ghoireasan Saidheansail.
Mar a chleachdas sinn fiosrachadh agus ùr-ghnàthachadh
Bidh sinn a’ cleachdadh mhodhan-obrach a tha air an deagh stèidheachadh gus tuairisgeul cheart fhaighinn air an stòras Ascophyllum nodosum agus tuigse nas fheàrr fhaighinn air a’ chor aige. Tha seo a’ toirt a-steach an dà chuid obair-làraich agus obair-lann, a lean gu foillseachadh sàr-rannsachaidh. Tha na tha ri fhaighinn de dhealbhan spàsail, a tha a’ sìor-leasachadh, gar cuideachadh gus dealbh nas soilleire a thogail de chor an stòrais. Bidh sinn a-nis a’ cur ri seo le bhith a’ cleachdadh dronaichean agus aplacaidean a chuidicheas sinn gus an dàta cruinnichte a chlàradh.
Cuideachd, tha na dòighean-obrach againn co-ionann air feadh Acadian Seaplants agus na co-chompanaidhean aca. ’S iad am prìomh dhòigh san raon airson tuigse fhaighinn air a’ ghoireas Ascophyllum gus sùil a chumail air atharrachaidhean thar ùine. Tha seo a’ ciallachadh a bhith a’ cur loidhne 30m ann am meadhan a’ chladaich agus a’ cur cheàrnagan air a fheadh gu tuaireamach.
A bharrachd air sin, tha seo a’ toirt seachad dàta mu fheartan biomass leithid dùmhlachd agus faid, agus faodar a leudachadh gus tuigse fhaighinn air na tha a’ dol air adhart ann an sgìre àraid. Faodar an dòigh-sgrùdaidh seo atharrachadh cuideachd gus fhaicinn a bheil gnèithean eile ann gus nach eil. Tha seo a’ cleachdadh modh-obrach glèidhteachais airson coimhead air iomadh ghnèithean a thuilleadh air Ascophyllum.
Mar as Toil Leinn ar n-Obrach
Tha ùidh mhòr aig an Sgioba Ghoireasan Saidheansail, na Bith-eòlaichean Mara agus Manaidsearan Ghoireasan ann am feamainn. Tha sinn gu sònraichte moiteil às a’ chomas a th’ aig an luchd-obrach againn air gnìomhan Uist Asco a thoirt gu aire bhuidhnean àrainneachd an Riaghaltais gus dàimhean a leasachadh le buidhnean a leithid Nature Scot gus so-sheasmhachd a thogail. Nas cudromaiche buileach, tha e air cunntachalachd a chruthachadh airson seasmhachd àrainneachdail gu ìre nach fhacas roimhe ann an Uist Asco.
Mar phàirt den obair seo, tha sinn air raointean ràitheil, no maireannach, a chur an gnìomh far nach buain sinn idir, a rèir riatanasan ghnèithean sònraichte. Bidh seo a’ dèanamh cinnteach gum faod a’ bhuain a bhith ann gu seasmhach ann an sgìrean nach cleachd daoine a bhith.
Gu math tric, feumaidh na sgiobannan saidheans againn faighinn gu earrannan iomallach den chladach mar phàirt den obair aca. Chan eil na h-àiteachan sin a’ faicinn ach glè bheag de dhaoine an-diugh, ged a tha iomadh comharra ann gun robh clann nan daoine ann uair dhen robh saoghal. Bidh seo ag atharrachadh bho sgìre gu sgìre, ach tha na tha air fhàgail de thobhtaichean, seann phuirt, no càraidhean ann an ceàrnaidhean anns nach ruigear ach le eathar an-còmhnaidh na chuimhneachan air beatha chruaidh, ach nas sìmplidh.
Tha feum air dìcheall airson taic a thoirt do UN SDG 14, ach dha daoine dìoghrasach a tha dèidheil air feamainn, nàdar agus an cuid obrach, is e obair gun thlachdmhor a th’ ann.
A bheil thu airson barrachd ionnsachadh mar a dhìonas sinn beatha fon uisge agus mar a chuireas sinn taic ri Amas Leasachaidh Sheasmhaich 14 an UN? Leugh mu na cleachdaidhean seasmhach againn.
Ionnsaich mu na cleachdaidhean seasmhach againn.
Artagailean eile
Soirbheachas Eileanach: Mar a chuireas Deagh Chosnadh ri Beatha Innse Gall
Mar a Bhrosnaicheas Uist Asco Seasmhachd: Còmhradh mu Fhoghlam Àrd-ìre le Malcolm Gibsion