Nuacht & Blag

Ciamar a bhios gnìomhachas giollachd na feamad a’ cur ri soirbheachas nan eileanach? Bidh sinn fhìn a’ tilleadh dhan cheist seo fad na h-ùine. Le seasmhachd aig cridhe ar gnìomhachais, tha sinn daonnan a’ measadh na dòigh anns am bi Uist Asco, gnìomhachasan ionadail, agus coimhearsnachdan eileanach a’ toirt buaidh air àrainneachd nan Eilean Siar.

Ged a dh’ionnsaicheas sinn tòrr mu dheidhinn na dòigh anns am bi an fheamainn agus an àrainneachd a’ fàs às ùr tron obair a nì an sgioba Ghoireasan Saidheansail, tha iomadh cothrom ann gus ceangail a dhèanamh ris a’ choimhearsnachd shaidheansail nas fharsaing airson ionnsachadh mu a cuid rannsachaidh agus a cuid bharailean. Mar sin dheth, bha sinn moiteil taic a chumail ris a’ Bhith-eòlaiche Ghoireasan againn, Malcolm Gibson, agus e a’ cosnadh M.Sc. ann an Rianadh Toradh Mara.

O chionn ghoirid bha cothrom còmhraidh againn le Malcolm gus cluinntinn mun chùrsa aige agus mar a bhios e a’ cur ris an t-sàr-obair a nì e airson Uist Asco, agus teaghlach-chompanaidhean Acadian Seaplants.

Uist Asco: Dè an t-iar-cheum a thug thu a-mach?

Malcolm: b’ ann aig Oilthigh Heriot-Watt an Dùn Èideann a bha e. B’ e M.Sc. ann an Rianadh agus Dìon Toradh na Mara tiotal a’ cheum a fhuair mi aig ceann mo chùrsa. Tha e glè bhuntainneach dhan obair agam mar Bhith-eòlaiche Ghoireasan aig Uist Asco.

Uist Asco: An robh thu a’ coimhead gu sònraichte air feamainn, no an robh thu a’ coimhead air diofar ghnèithean agus an t-èigeo-shiostam iomlan?

Malcolm: Bha an cùrsa fad-bliadhna air a roinn ann an trì pàirtean. Bha ceithir modalan aig ìre tòiseachaidh sa chiad phàirt, modalan nas adhartaiche san dàrna pàirt, agus cuspair rannsachaidh san treas pàirt. Bha na modalan farsaing a’ toirt deagh bhun-stèidh ann an gnìomhachas na mara.

Gus cùrsa a lorg a thigeadh ri m’ obair gu math, shaoil sinn gum biodh cùrsa farsaing na bhuannachd. Ged nach robh na cuspairean fhèin a-mach air feamainn, bha iomraidhean air an fheum a nithear aiste san rìoghachd seo, san Roinn Eòrpa, agus an àiteachan eile.

Bha cothrom tron obair-chùrsa a bhith a’ coimhead air feamainn, agus leig seo leam eòlas a bharrachd a chur air sgoilearachd na feamad.

Mar chuspair rannsachaidh, chuimsich mi air an obair againn ann an seo fhèin, ga leudachadh beagan. Aig gach làrach le Acadian Seaplants, tha sgioba shaidheans a’ coimhead ri torrachas Ascophyllum nodosum, am prìomh ghnè fo ar n-ùidh. Chleachd mi an obair rannsachaidh agam mar chùis an tràchdais, a bhiadh a-steach gu pròiseact nas motha. Bha seo feumail leis gun robh mi ag obair air an tràchdas agus dhan chompanaidh aig an aon àm. Bha e na dhùbhlan uaireannan smachd a chumail air uallaichean ùine, agus bha oidhcheannan agus làthaichean fada ann. Ach le bhith gan dèanamh aig an aon àm, cha robh mòran obair a bharrachd agam seach na bha mi ris co-dhiù. Bha sin feumail.

Uist Asco: Thoir dhuinn eisimpleir air rudeigin a dh’ionnsaich thu san iar-cheum a bheir thu air ais do sgioba Acadian?

Malcolm: Thug am B.Sc. deagh bhun-stèidh saidheansail dhomh, agus ged nach robh sin stèidhichte air gnìomhachas na mara, dh’fhosgail e mo shùil ri saoghal na sgoilearachd. Fhuair mi cothrom ùine a chur seachad a’ leasachadh nan comasan agam mar neach-saidheans fhad ’s a lean mi orm a’ leughadh rannsachadh mun fheamainn. Bha sin cuideachail.

An cois aon mhodail a ghabh mi, bha sinn a’ coimhead ris an strì a dh’fhaodas a bhith ann eadar luchd-cleachdaidh na mara. Co-dhiù biodh tuathanaich-èisg, iasgairean, gnìomhachas an ola, companaidhean turasachd, no buidhnean eile, chnuasaich sinn air mar a bhios iad a’ tachairt ri chèile fo chomhair na mara agus a’ toirt buaidh air an àrainneachd. Bha sin na shùileachan dhomh mar a tha gach rud ceangailte, a’ leigeil leam “an dealbh mòr” fhaicinn, agus mar a tha an fheamainn, agus Uist Asco sna h-eileanan, a’ tighinn a-steach ann. Bha e math ceum a ghabhail air ais agus tuigsinn fhaighinn air feamainn ann an gnìomhachas na mara nas fharsaing.

A thaobh na h-àrainneachd, tha sinn mar-thà a’ smaointinn ann an dòigh iomlanach. Cho math ris an obair suirbhidh agus cruinneachadh dàta a nì mi, cumaidh sinn fios ri buidhnean glèidhteachas na h-àrainneachd a dhèanamh cinnteach, gun a bhith an eisimeil ri sgrùdadh bhuapa, gu bheil sinn a’ cumail ris na h-amasan againn a thaobh so-sheasmhachd. Tha na riaghailtean againn fhèin oirnn a lùghdaicheas a’ bhuaidh againn, co-shìnte ri deagh-chleachdadh àrainneachdail. Gheibh mi cothrom fhathast na dh’ionnsaich mi sa chùrsa seo a cho-roinn air feadh a’ chompanaidh.

Mar eisimpleir, bidh sinn a’ comharrachadh gu soilleir far am bi ròin a’ tighinn air tìr. Tha na h-àiteachan seo riatanach do na beothaichean rè na bliadhna, can nuair a tha iad ag àrach àil agus a’ tilgeadh nan gaoisidean. Mar fhreagairt air sin, tha sinn air cuibhreachadh a chur air obair na buana gus nach bi buaidh air na ròin aig na h-amannan seo.

Tuigidh sinn gur e àite cudromach a th’ anns an raon eadar-thràghaidh do eòin, mar steàrnan, iolairean agus gnèithean grunnachaidh agus dàibhidh eile. Le sin, dùnaidh sinn corra àite gus nach tèid daoine an comhair na fiadh-bheatha seo, a’ cumail obair na buana bho bhith a’ toirt buaidh air àrachadh agus biadhachadh.

Uist Asco: Mòran taing do Mhalcolm airson d’ ùine agus meal do naidheachd a-rithist air cosnadh d’ iar-cheuma.

’S e aon eisimpleir a th’ anns an M.Sc. ann an Rianadh Toradh Mara a choisinn Malcolm Gibson air mar a bhios sinn daonnan a’ leudachadh ar so-sheasmhachd agus bàidh dhan àrainneachd. Leugh tuilleadh mun bhuain sheasmhach againn no cuir brath thugainn le ceist sam bith.

 

Ionnsaich mun t-so-sheasmhachd againn

 

Artagailean Buntainneach Eile

Eachdraidh Buain na Feamad agus a Giullachd ann an Uibhist

4 Aithrisean air Soirbheachas So-sheasmhach ann an Innse Gall agus Alba – A’ Cur Ar Saoghail Am Feabhas

Soirbheachas Eileanach: Mar a chuireas Deagh Chosnadh ri Beatha Innse Gall