Le: Teàrlach Alasdair Camshron
B’ ann mun bhliadhna 1815 a bha buain agus giullachd na “ceilpe” a bu phrothaidiche agus bha an gnìomhachas a’ toirt teachd a-steach mòr do dh’uachdarain-fhearainn agus do chroitearan a bha ga buain agus a’ pàigheadh am màil innte. Rachadh toradh losgadh na ceilpe a chur gu feum ann an caochladh dhòighean, a’ gabhail a-steach dèanamh siabainn agus glainne. Nuair a thàinig Cogadh Napoléon gu crìoch, cha ghabhadh prothaid a dhèanamh às a’ ghnìomhachas an dèidh do phrìs na ceilpe tuiteam le farpais choimeirsealta à thall thairis (a leithid na Spàinne) agus le atharrachadh ann an cìsean an riaghaltais. Rinn seo sgrios air eaconamaidh nan Eileanan Albannach, Uibhist nam measg. Thòisicheadh an uair sin air iodine a thoirt às a’ cheilp agus thug sin teachd a-steach dhaibh, ged a bha e nas lugha. Bha am pròiseas a’ cur feum air sgilean a bharrachd agus bha e na bu duilghe. Ri linn èirigh ann am farpais choimeirsealta à thall thairis (an uair seo à Aimeireaga a Deas) mu 1900, thòisich sin ri crìonadh.
Anns an leth eile dhen 19mh linn, rinn Edward Curtis Stanford a-mach gum faodadh Alginate a bhith air a tharraing à feamainn. Chaidh factaraidh a stèidheachadh airson seo ann an Cinn Tìre mu 1935. Chaidh toradh na factaraidh seo a chleachdadh rè an Dàrna Cogaidh am broinn lìontan camouflage agus eile dha na feachdan. Dhùineadh an fhactaraidh seo nuair a thogadh tèile ann an Uibhist a Deas, far an robh pailteas feamad. B’ e stamh (Laminaria) a bhathar a’ cruinneachadh. Thigeadh an stamh air tìr ann an droch shìde a’ gheamhraidh, agus chuireadh croitearan iad air gàrraidhean is crainn fhiodha gus tioramachadh. As t-earrach agus na staimh air tioramachadh, cheannaicheadh Cefoil – ainm tùsail a’ chompanaidh – iad agus bheireadh dhan fhactaraidh iad gus an làn-thioramachadh, am bleith agus an cur ann am pòcannan. Chaidh an cur dhan fhactaraidh cheimigeach aca anns an Òban no an Inbhir Gharbhain (Girvan) an Siorrachd Àir.
Chaidh mise an lùib na companaidh, a dh’atharraich ainm gu Alginate Industries Ltd., ann an 1948 mar mhanaidsear na factaraidh (ann an Uibhist a Deas a-mhàin aig an toiseach) agus bha mi an urra ri cruinneachadh nan stamh tioramaichte. Chaidh toradh nan stamh a chleachdadh ann an reòiteagan agus bha fèill air ann an Astràilia gu sònraichte. Bliadhna an dèidh dhomh tòiseachadh, rinneadh a-mach gun gabhadh Alginate a dhèanamh le Ascophyllum nodosum, no buidheagach/todhar, agus chaidh inneal tioramachaidh ùr a thogail agus an tuilleadh luchd-buana fhastadh. B’ e obair làn-ùine a bha seo, ged nach gabhadh an fheamainn a gheàrradh ach air an reothart. Dh’fheumadh lìontan agus eathraichean an cois na h-obrach, leis an luchd feamad ga thoirt dhan fhactaraidh gus tioramachadh.
Ann an 1955, chaidh factaraidh eile a thogail ann an Sponais, Uibhist a Tuath, agus thòisich a’ bhuain anns an eilean sin. Chaidh inneal tioramachaidh eile a thoirt a-steach. Bha factaraidh feamad eile aig a’ chompanaidh ann an Conamara, Èirinn, a bha fo shealbh roinnte eadar Alginate Industries agus Riaghaltas na h-Èireann.
Mar a bu mhotha a dh’fhàs an gnìomhachas, agus farsaingeachd a bathair, dh’fheumte an tuilleadh feamad a lorg ann an àiteigin. Chaidh factaraidhean a thogail ann an Eilean Leòdhais agus tèile ann an Dùn nan Gall, agus chaidh dà eathar a cheannachd gus feamainn às an Eilean Sgitheanach agus an tìr-mòr a thoirt a Leòdhas. Bhathar a’ toirt feamad às Nirribhidh, à Tasmania, far an robh e ga dhèanamh na bhiadh, agus mu dheireadh à Chile agus às Innis Tìle. Aig an ìre seo, bha farsaingeachd de bhathar ga dèanamh aig na factaraidhean ceimigeach agus bha suas ri 60% no an còrr ga chur thall thairis, agus fhuair sinn duais às-mhalairt an riaghaltais airson seo.
Ann an 1977, bha Alignate Industries na chompanaidh poblach air an stoc-mhargaid. Ann an 1979, chaidh a cheannach le companaidh air an robh Kelco, ann an California. Chaidh an tairgse a sgrùdadh le Bòrd-leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean (a-nis Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean), a fhuair barantas bho na h-Aimeireaganaich nach caillear obraichean. Chaidh an tairsge aontachadh. B’ e Kelco an companaidh Alginate a bu mhotha san t-saoghal agus bu sinne an dàrna companaidh a bu mhotha. Cha robh e fada, ge-tà, gus an deach gach factaraidh anns na h-eileanan a dhùnadh, le factaraidhean an tìr-mòir nan dèidh. Chaidh an fhactaraidh Èireannach, Arramara Teo, a ghabhail thairis leis an riaghaltas agus tha i sin fhathast a’ dol, a’ dèanamh biadh do bheòthaichean. Cheannaich Acadian Seaplants, à Canada, i ann an 2014.
Leig mi mo dhreuchd dhìom ann an 1980, goirid an dèidh na ceannachd, às dèidh 32 bliadhna. Nuair a thòisich mi, bha droch ionmhas aca agus b’ e motto na factaraidh “an ràmh as fhaisge air làimh, iomair leis” agus bu bheag an tuarastal a gheibheadh an luchd-buana. Nuair a dh’fhàg mi, b’ e an tionndadh-airgid thairis air £1 millean.
B’ e tadhal na Bànrigh agus Diùc Dhùn Èideann air an fhactaraidh ann an 1956 am measg nan cuimhneachan as fheàrr a th’ agam dhen ùine a chuir mi seachad ann an Uibhist a Deas. Chan fhaca iad Uibhist roimhe, is mar sin bha ùidh mhòr aca anns na bha sinn a’ dèanamh.
Bha mi moiteil à stèidheachadh na factaraidh ann an Uibhist a Tuath ann an 1955. Chomharraich mi fhìn an làrach agus an cothrom na cois. Chuir mi ron chompanaidh gun ceannaicheadh Taigh Sponais air prìs bheag bho oighreachd a’ Chinn a Tuath. Bha àite-còmhnaidh anns an làr mhullaich don mhanaidsear, agus bha an oifis agus an stòr anns na làir shìos. Bha làrach togail dhan fhactaraidh anns a’ ghàrradh, leis na ballachan gan cleachdadh nam bun-stèidh. Thog sinn cidhe san òb a bha ga chleachdadh leis na “puffers”. Bheireadh na puffers gual a-steach dhan fhùirneis agus bheireadh iad leotha am biadh dhan fhactaraidh ann an Inbhir Gharbhain. Bha an cidhe a’ cosg £1,400 gu thogail, leis gun do thog sinn fhèin e, ged a thuirt Roinn an Àiteachais gun cosgadh a leithid £8,000.
Nuair a dhùineadh factaraidh Sponais, ghabh companaidh saimeant thairis an làrach, ged a chaidh iad fodha ri ùine. Chaidh Taigh Sponais a cheannachd le cuideigin eile, agus chaidh an còrr dhen làrach – an fhactaraidh na measg – a leagail.
Bidh mi daonnan a’ cnuasachadh air na làithean a bh’ agam ann an gnìomhachas na feamad agus an-diugh, le tighinn Uist Asco, tha mi dòchasach gu bheil gnìomhachas buain agus giullachd na feamad beò uair eile ann an Alba. Guma fada a mhaireas e mar sin.
Air a sgrìobhadh le Teàrlach Alasdair Camshron, Am Faoilleach 2020. Bha Teàrlach na Stiùiriche agus na Mhanaidsear air Alginate Industries (Scotland), agus bha e an urra ri buain agus giullachd na feamad. Bha e cuideachd na Stiùiriche agus na Mhanaidsear air Arramara Teo, an companaidh Èireannach. Tha e a-nis na cheudamh bliadhna, a’ fuireach air a cheann fhèin ann an Siorrachd Pheairt faisg air a nighinn agus a teaghlach.