Manaisdear Pròiseict aig Uist Asco a th’ ann an Jean-Pierre Brien, an t-ùghdar
A’ Gabhail ri Dòighean Ùra COVID
Bha dùbhlan ann an obair a chumail a’ dol ri linn COVID agus b’ ann le dealas agus co-obrachadh na sgioba a rinn sinn an gnothach air. An cois na sgioba bige tha an Luchd-buana, an Luchd-giùlain, Luchd-cùmhnant, Luchd-obrach factoraidh agus Sgioba na h-Oifis.
B’ iad na h-oidhirpean aig gach duine fo na stiùiridhean ùra air slàinte agus obair fa-leth a chum obair na factoraidh a’ dol cho math ri trèanadh luchd-obrach ùir agus lìbhrigeadh feamad gu companaidhean-sgaoilidh ùra! Bu thoil leis an àrd-sgioba stiùiridh taing mhòr a thoirt dhaibh uile ann a bhith ag obair gu sàbhailte a chum na h-àbaist ùir.
Pròiseactan Rè COVID
Ri linn COVID, tha sinn air corra phròiseact a thòisicheadh air taobh a-staigh agus a-muigh na factoraidh gus leasachadh a chur air a’ phròiseas agus an làrach. Bha iomadh dùbhlan is dàil nan cois eadar fòrladh an luchd-cùmhnant, obair na giullachd fo chuing agus an dòigh chùramach fhaiceallach a bh’ aig an àrd-sgioba stiùiridh ann a bhith a’ dèiligeadh ris a’ ghalar mhòr-sgaoilte, a’ cur sàbhailteachd an luchd-obrach, an teaghlaichean agus an coimhearsnachd air thoiseach mar phrìomhachas.
An dèidh dhuinn ath-dhealbhachadh a dhèanamh air na trì pròiseactan mòra a bh’ againn, tha mi air mo dhòigh a ràdh gun d’ fhuair sinn gu dol iad agus gu bheil iad an impis a bhith crìochnaichte. ’S e an rud a bu fhaicsinniche gun d’ rinneadh ùrachadh air an stòr, a’ cur piseach air coltas na làraich agus na comasan a th’ againn gus deagh fheamainn Albannach a chur chun an luchd-ceannachd againn.
Dh’fheumte mòran ullachaidh a dhèanamh gus obrachadh ris an Luchd-cùmhnant againn. Ann a bhith a’ dèanamh sin, chuir sinn stad air sgapadh COVID nar feachd-obrach fhèin, agus sa choimhearsnachd nas fharsainge. Bha againn ris na h-obraichean a chur ann an taigheadas fa leth, a’ dèanamh cinnteach gun tug iad am biadh aca fhèin a-steach seach a bhith a’ falbh chun nam bùthan ionadail, agus dearbhadh gun robh iad a’ siubhal sna càraichean aca fhèin. Air an làraich, bha àite dhaibh fhèin gus an cumail fa leth on Luchd-obrach againn.
Cumaidh sinn oirnn stiùiridhean an riaghaltais agus na h-àrd-sgioba stiùiridh a leantail ach am bi sinn sàbhailte nar coimhearsnachd. Bu thoil leam uair eile taing mhòr a thoirt don Luchd-buana, Luchd-giùlain, Luchd-obrach agus Luchd-cùmhnant a th’ air a bhith ag obair gu dìcheallach sàbhailte.