Nuacht & Blag

 

 

 

Le Jean-Pierre (JP) Brien, Manaidsear Pròiseict Uist Asco.

 

O chionn ghoirid, tha mi air a bhith a’ meòrachadh mu àite chompanaidhean ann an coimhearsnachdan beaga, bhon a tha 4 bliadhna o thàinig mi a dh’Uibhist a Tuath. Bidh mi ag obair aig Uist Asco, gnothachas buain agus giullachd feamad ann an Uibhist a Tuath. ’S e coimhearsnachd bheòthail a th’ ann, stèidhichte ann an ceàrnaidh àlainn de dh’Alba. ’S ann às Alba Nuaidh a tha mise – thug mi ceum a-mach ann an innlearachd aig Halafacs, baile meadhanach mòr anns a bheil timcheall air leth mhillean duine. On t-sealladh agamsa, chì mi na dh’fhaodas companaidh agus an luchd-obrach cur ri coimhearsnachd bheag – uaireannan ann an dòighean nach biodh cho nochdaidh ann am bailtean mòra.

Dh’fhosgladh Uist Asco ann an 2012 agus chaidh a cheannachd le Acadian Seaplants ann an 2017. On uair sin, dh’obraich sinn gu dìcheallach gus làrach seann chuaraidh ùrachadh agus feum a dhèanamh dhe na toglaichean agus bunstructar. Tha mi moiteil gum biomaid a’ cur maoin ris a’ ghnothachas, ris na daoine agus ris a’ choimhearsnachd, agus sin a’ leasachadh a’ bhith-beò aig daoine eile sna h-eileanan.

Bho 2017, tha Uist Asco air fàs gu bhith a’ fastadh naoinear, le 16 daoine eile a’ buain na feamad. Tha na daoine againn stèidhichte sna h-eileanan, ged a tha lìonra mhòr de cho-obraichean thar an t-saoghail. Tha co-obraichean eile air tìr-mòr agus bidh sinn ag obair gu dlùth leis a’ chompanaidh chleamhnach, Arramara Teo, ann an Cill Chiaráin, Co na Gaillimhe, Èireann. ’S e teaghlach mòr a th’ ann an Uist Asco a bhios a’ co-roinn eòlas, sgilean agus ghoireasan. Chan eilean duine, mar a chanas iad, agus bidh mi a’ faicinn sin gach latha.

Chan iongnadh ged a bhiodh companaidhean mòra a’ cumail tagsa ri companaidhean beaga cuideachd. Tha buaidh-mheudachaidh aig companaidhean san dòigh a bhios iad a’ fastadh cunnradairean mar dhealanairean, plumairean agus luchd-ciùird eile. Bidh iad cuideachd a’ cur airgead ris an eaconomaidh nas fharsaing an leithid thaighean-bìdhe, taighean-òsta agus bùthan. Bheir iad dòigh air taic a chumail ri bunstructar coimhearsnachd an leithid aiseagan, chompanaidhean-bathair, rathaidean, an eadar-lìn agus cumhachd.

Ged a tha na gnothaichean seo cudromach, ’s e a tha nas cudromaiche an obair a nì ar luchd-obrach sa choimhearsnachd. Bidh companaidhean a’ cur uidheamachd agus sgilean do dhaoine gus tachartasan innleachdach a chur air bhonn. Am measg iad sin, tha glanadh sgudal air tràighean, obair shaor-thoilich do chmainn chroitearachd, sàbhaladh leumadairean, obair shaor-thoileach ann an sgoiltean, feasgairean Robaidh Burns agus iomadh rud eile nach tachradh às aonais nan obraichean seo. ’S urrainn do chompanaidhean a bhith a’ cuideachadh chloinne agus òigridh san sgìre cuideachd. Thug Uist Asco maoin agus taic seachad gus Còmhlan-pìoba Sgoil Lìonacleit a chur a New York, cho math ris an sgioba ball-coise ionadail.

Ach an seo ann an Uibhist a Tuath – tha na daoine againn a’ toirt ceum nas fhaide. Nì iad an dìcheall a bhith mothachail dhan àrainneachd agus urramach do nàbaidhean. ’S e cleachdadh àbhaisteach a th’ ann an glanadh thràighean agus phort don luchd-obrach againn. Tha sinn moiteil às an àite agus tha sinn airson an àilleachd a ghleidheadh. Agus thèid sinn nas fhaide – bidh sinn a’ cumail sùil mhionaideach shaidheansail air glainead uisge agus fallainneachd na feamad. Leasaichidh sinn na slighean cladaich agus puirt, chan ann a-mhàin do làraidhean feamad, ach do dh’iasgairean agus don choimhearsnachd. Lùghdaichidh sinn a’ bhuaidh a th’ againn air an àrainneachd nar n-obair, agus tha sinn an dòchas gun cuir sin ri gleidheadh na coimhearsnachd agus fiadh-bheatha san ùine romhainn. Tha mi gu làidir a’ creidsinn ann am feallsanachd na companaidh gus ‘an cor a leasachadh far am bi na daoine againn ag obair agus a’ fuireach, agus dìon a chur air an àrainneachd mara agus na goireasan feamad do na ginealaichean ri thighinn’.