Nuacht & Blag

’S fhada bho bha feamainn na pàirt mhòr de chroitearachd agus dòigh-beatha nan Eileanan Siar agus sgìrean dùthchail na h-Èireann agus Chanada. Fad is farsaing, bhìte a’ cleachdadh todhar feamainn gus fearann creagach lom a dhèanamh torrach saidhbhir agus na daoine a’ cleachdadh na feamainn gus an talamh a leasachadh. Agus le teachd ghnìomhachasan na ceilpe agus eile, tha iad a-nise a’ toirt teachd-an-tìr do dhaoine a leigeas leotha biadh a chumail ris an teaghlach agus tagsa a chur ri caitheamh-beatha na croitearachd.

 

’S gann nach do chuir gnìomhachas na feamainn buaidh air choireigin air gach teaghlach a tha an Uibhist; b’ i a’ bhuain a’ chiad obair a bh’ aca a-riamh, a’ chiad obair a fhuair iad an dèidh dhaibh tilleadh, no tha càirdean aca a’ buain na feamainn dhan fhactoraidh. Chan eil teagamh gur e obair le eachdraidh mhòr is dualchas beairteach a th’ ann, aig a bheil freumhan domhain nar coimhearsnachdan eileanach. Le stèidheachadh Uist Asco, tha ath-bheòthachadh air tighinn air a’ chleachdadh seo gu math muinntir nan Eileanan Siar.

 

Ghabh leasachadh obair na feamainn ceum mòr air adhart ann an 2017 nuair a cheannaich Acadian Seaplants Uist Asco Ltd. Chuireadh maoin ùr mu choinneamh ùrachadh factoraidh na feamainn agus togail bun-structar na buana ann an Uibhist.

 

Tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh bho 2017. Nuair a cheannaicheadh am factoraidh, bha triùir luchd-obrach agus aon neach-buana pàirt-ùine. An dèidh in-ionmhais thar dà bhliadhna, tha seachdnar luchd-obrach làn-ùine agus dithist ag obair pàirt-ùine ann, agus tha dithist eile gu bhith air am fastadh a dh’aithghearr. Tha 14 luchd-buana againn. Bidh an obair againn cuideachd a’ cruthachadh an tuilleadh obrach do dhaoine eile san sgìre – iadsan a bhios gar solarachadh le bathar is seirbheisean a chuireas ri fàs Uist Asco. Tha sinn fortanach gu bheil na th’ ann de luchd-solarachaidh againn ann an Uibhist a leigeas leinn fàs.

 

Tha e a cheart cho cudromach a bhith a’ cruthachadh chothroman do dh’òigridh gus fuireach sna h-Eileanan. ’S e adhbhar moit a th’ ann gu bheil an dàrna cuid dhen luchd-bhuana againn fo aois 35 bliadhna; cha bhiodh an t-uabhas chothroman cosnaidh eile ann dhaibh. Mar an ceudna, tha a’ chuid as motha dhen luchd-obrach againn fo aois 30 bliadhna, agus deagh chuid dhiubh sin air tilleadh a bhith nas fhaisg air an teaghlach no tha sinnsearan aca às na h-Eileanan. Nì gnìomhachasan soirbheachail a leithid Uist Asco cinnteach gun tàlaidh is gun glèidh sinn ar n-òigridh.

 

Bha an t-àm ann do fheamainn nan Eileanan Siar a bhith air a chleachdadh san dòigh sho-sheasmhach seo. Tha ath-bheòthachadh a’ ghnìomhachais a’ cruthachadh cosnadh don òigridh, a’ leasachadh luchd-obrach proifeiseanta ’s a’ cur ri siostam sòisio-eaconamach Uibhist le bhith a’ cumail taic ri prògraman òigridh is iomairtean ionadail.

 

Tha a’ ghaoth a’ sèideadh ann an seòl geòla na feamainn sna h-Eileanan Siar, is sin fo stiùir saidheans ghoireasan agus so-sheasmhachd. Tha sinn a’ creidsinn nach eil ann an seo ach toiseach tòiseachaidh agus gu bheil leasachaidhean mòra air thoiseach air a’ choimhearsnachd eileanach againn. Nam bu toil leibh an tuilleadh a leughadh, tadhail air an làrach-lìn againn www.uistasco.com

 

 

’S e Manaidsear Pròiseict aig Uist Asco a th’ ann an Jean-Pierre (JP) Brien, an t-ùghdar.

 

 

Feamainn Albannach, Air a Buain gu So-Sheasmhach, Gu Math an Ama ri Teachd.