Nuacht & Blag

Tha sinn toilichte innse gum bi Aonghas Fearghasdan a’ tòiseachadh san dreuchd Manaidsear Saothrachaidh aig Uist Asco air 18 dhen t-Samhain, 2019.

’S ann à Uibhist a Tuath a tha Aonghas agus e a’ fuireach goirid on fhactaraidh. Thill e dhan eilean an dèidh dha ceum a thoirt a-mach ann an Àiteachas aig Colaiste Àiteachais na h-Alba. Bha e ag obair fad ochd bliadhna na Neach-comhairle Àiteachais, a’ toirt comhairle do chroitearan agus do ghnìomhachasan dùthchail san sgìre.

Nuair nach eil e ag obair, ’s àbhaist gum bi Aonghas mun chroit a’ coimhead às dèidh nan caorach agus nam beòthaichean. Bidh e fhèin ’s e chèile cuideachd a’ gabhail ealla ri cuilean cocker spaniel beag beòthail (a tha san dealbh)!

Nach cuir sibh fàilte air Aonghas ’s e a’ tighinn air sgioba Uist Asco!