Tha so-sheasmhachd aig cridhe gach rud a nì sinn aig Uist Asco. Tha feum air co-chothrom trì-thaobhach eadar so-sheasmhachd àrainneachdail, sòisealta agus eaconomach gus dèanamh cinnteach gun seas Uist Asco ann an Innse Gall airson iomadh ginealach a tha ri thighinn.
’S e Ascophyllum nodosum (feamainn-bhuidhe) an gnè feamad air a bheil sinn ag amas – a’ phrìomh sheòrsa a tha fàs air a’ chladach eadar tiùrr an làin agus am muir-tràghadh air còrsaichean creagach a’ Chuain Shiar.
Tha i a’ tighinn beò sna h-uisgeachan fuara timcheall Uibhist, gu sònraichte sna lochan-mara air an taobh an ear. Mar ghnè eadar-thràghaidh, thèid a bhogadh san t
-sàl dà thuras san latha leis an làn. Mar thoradh air a’ chomas aice tighinn beò ann an àrainneachd a tha cho caochlaideach, bidh mathachas nach beag ann a tha ga fàgail cho luachmhor.
So-sheasmhachd Àrainneachdail
Tha Ascophyllum nodosum na stòras riatanach sa chladach, a’ toirt fasgaidh agus biadhaidh do dh’iomadh beathach a leithid maoraich, eòin-mhara agus mhamalan-mara. Air an adhbhar seo, feumar gum mair an stòras slàn.
Tha uallach aig Sgioba Saidheans Ghoireasan air sgrùdadh cor nan raointean Ascophyllum agus measadh a dhèanamh air na th’ ann de stuth ach an toir iad stiùireadh do na ro-innleachdan againn a thaobh buana so-sheasmhaich. Feumaidh seo sgrùdadh-raoin bitheanta, agus chithear an sgioba againn tric mu na cladaichean air an tràghadh. Tha an sgrùdadh leantaileach stèidhichte air fianais shaidheansail làidir, a’ cleachdadh an teicneòlais agus nan dòighean-obrach as ùire.
Bidh am Plana-stiùiridh Buana againn a’ cur dòigh-obrach theann an sàs a thaobh glèidhteachais anns na sgìrean a th’ air am meas iomchaidh gu buain choimeirsealta. Thèid na sgìrean a roinn an toiseach ann an raointean a bhios air am manaidseadh gu mionaideach. Leis an dòigh-obrach seo, tha gu leòr mhòr air fhàgail fàs seach na thèid a bhuain dhith air taobh a-staigh bliadhna, a’ lùghdachadh na buaidhe daonnda a bheirear air aon sgìre le bhith a’ sgaoileadh an luchd-buana tro na raointean.
Leis an dealas a th’ againn do dh’àrd-inbhe anns gach roinn, tha sinn air dòigh-bhuana ùr a chuir an sàs ann an Uibhist, cho math ris an dòigh thradaiseanta a th’ aig mòran den luchd-buana againn. ’S e dòigh earbsach sho-sheasmhach gu buain feamad a th’ anns an dòigh-bhuana a churieas sgoth is ràcan gu feum. Le bhith ag obair leis an làimh, thèid feamainn ùr ghlan a bhuain gu bitheanta. Chaidh ràcan sònraichte a dhealbhachadh a bhios a’ gearradh bàrr na feamad Ascophyllum a-mhàin ’s a’ fàgail cuid mhath dhen fheamainn ann gus fàs a-rithist.
So-sheasmhachd Shòisealta
’S fhada o bha daoine ri buain na feamad ann an Alba, agus bha Uibhist a-riamh cudromach don obair seo. Gu h-eachdraidheil, chuireadh croitearan an fheamainn mar thodhar air na pàirceannan aca, agus nas giorra bhuainn, bhìte a’ cleachdadh ghnèithean sònraichte ann an obair glainne agus giullachd feamad.
An-diugh, bidh Uist Asco a’ cumail na h-obrach a’ dol, le feamainn a tha gu cùramach air a buain ga cur gu feum ann am biadhadh stuic agus leasachadh-ùir.
Bidh Uist Asco a’ tabhainn sgothan sònraichte agus trèanadh don choimhearsnachd eileanach. Tha an dòigh-obrach ùr a’ lùghdachadh cruadalachd na h-obrach, ag àrdachadh èifeachd an luchd-buana agus an teachd-a-steach agus a’ tàladh dhaoine ùra dhan ghnìomhachas.
So-sheasmhachd Eaconomach
Tha Uist Asco an geall air leasachadh Uibhist, eadar fallaineachd stòras na feamad no eaconomaidh an eilein – saoilidh sinn gu bheil a dhà dhiubh sin co-cheangailte. Leanaidh an companaidh againn air a’ glèidheadh stòras na feamad Albannaich tro dhòighean-obrach saidheansail earbsach fhad ’s a chuireas sinn ri eaconomaidh Uibhist. Gus seo a dhèanamh, cumaidh sinn taic ri luchd-buana ionadail, leasachadh bun-structar na buana agus co-obrachadh còmhla ri gnìomhachasan agus coimhearsnachdan an eilein a chùm math gach aoin.
’S e Bith-eòlaiche Ghoireasan aig Uist Asco a th’ ann an Malcolm Gibson, an t-ùghdar.
Feamainn Albannach, ga Buain gu So-sheasmach, gu Math an Ama ri Teachd.