{"id":1651,"date":"2022-08-22T19:17:30","date_gmt":"2022-08-22T19:17:30","guid":{"rendered":"https:\/\/www.uistasco.com\/decent-jobs-economic-growth-outer-hebrides\/"},"modified":"2022-08-23T12:52:29","modified_gmt":"2022-08-23T12:52:29","slug":"deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall","status":"publish","type":"post","link":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/","title":{"rendered":"Soirbheachas Eileanach: Mar a chuireas Deagh Chosnadh ri Beatha Innse Gall"},"content":{"rendered":"<p><em>Le:\u00a0 Jean-Pierre Brien, Sti\u00f9iriche Phr\u00f2iseactan, An Roinn E\u00f2rpa<\/em><\/p>\n<p>\u2019S e rud s\u00f2nraichte luachmhor a th\u2019 ann am beatha ann an eilean d\u00f9thchail. Dh\u2019fhaodadh gu bheil e doirbh a chreidsinn do mhuinntir a\u2019 bhaile mh\u00f2ir cho faisg \u2019s a tha sinn ri n\u00e0dar agus ar n\u00e0baidhean. An d\u00e8idh a bhith ga fhiosrachadh dhomh fh\u00ecn, cha reicinn air \u00f2r na Roinn E\u00f2rpa e.<\/p>\n<p>Ge-t\u00e0, tha an d\u00f2igh-beatha seo a\u2019 f\u00e0gail gu bheil sinn tric deagh astar o stuthan, goireasan agus seirbheisean riatanach \u2013 ris am bi daoine eile a\u2019 gabhail cha mh\u00f2r gun smaoineachadh. Faodaidh sin a bhith d\u00f9bhlanach do mhuinntir nan eilean. Ach, le deagh ch\u00e0irdeasan coimhearsnachd, cho math ri cosnaidhean deagh-ph\u00e0ighte aig fastaichean ionadail, tha iad mar slabhraidh a chumas coimhearsnachd ri ch\u00e8ile.<\/p>\n<p>Aig Uist Asco, \u2019s fhada o bha sinn a\u2019 gabhail ar dleastanais oirnne fh\u00ecn do bhe\u00f2-shl\u00e0inte muinntir Innse Gall. \u2019S e a tha brosnachail gu bheil barrachd riaghaltasan agus bhuidhnean ag aithneachadh nan dleastanasan a th\u2019 orra. Mar a tha <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/sdgs.un.org\/goals\/goal8\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">an t-ochdamh Amas Leasachadh So-sheasmhach an U.N.<\/a><\/span> ga chur: tha \u201cf\u00e0s leantainneach, in-ghabhaltach agus so-sheasmhach, l\u00e0n-chosnadh tarbhach, agus deagh obair do na h-uile\u201d mar fhiachan air fastaichean d\u00f9thchail.<\/p>\n<p>Bhon t-sealladh againne, seo mar a dh\u2019fhaodas sti\u00f9bhardan coimhearsnachd cur ris a\u2019 chreideas gun dleas a h-uile neach deagh chosnadh agus f\u00e0s eaconamach.<\/p>\n<h3>A\u2019 Cumail Co-chothrom R\u00e8idh<\/h3>\n<p>Le bhith a\u2019 fuireach dl\u00f9th dhan fhearann, tha tuigse am measg eileanaich air cho maoth so-bhristeach a dh\u2019fhaodas an \u00e0rainneachd a bhith. Gu s\u00ecmplidh, nuair a tha n\u00e0dar ceithir-thimcheall ort, tha cuimhneachan buan agad air mar a dh\u2019fhaodas obair agus beatha-l\u00e0itheil a bhith a\u2019 toirt buaidh air co-chothrom n\u00e0dair (agus an rathad eile). Tha e na chomharra dhuinn gum bu ch\u00f2ir dhuinn str\u00ec airson beatha nas uaine agus nas so-sheasmhaiche.<\/p>\n<p>Seall fh\u00e8in air dualchas na croitearachd. Dh\u2019ionnsaich croitearan mar a b\u2019 fhe\u00e0rr a bhith an eisimeil na h-aimsire: a\u2019 falbh dhan mhuir airson biadh nuair a bha am b\u00e0rr fo chunnart tiormachd no teas m\u00f2r. Tha fastaichean nan eilean air gabhail ris an d\u00f2igh-obrach seo cho math.<\/p>\n<p>Mar eisimpleir, bidh sinn a\u2019 gabhail c\u00f9ram air buain <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/scottish-seaweed-harvesting\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">feamainn Albannach<\/a><\/span> agus gleidheadh a\u2019 ghoireis seo airson ghinealaichean ri thighinn. Bheir sinn tr\u00e8anadh do dhuine sam bith a thigeadh a bhuain do dh\u2019Uist Asco. Th\u00e8id daoine \u00f9ra ionnsachadh mu na d\u00f2ighean-buana seasmhach againn a bhith a\u2019 toirt <em>Ascophyllum nodosum<\/em> \u00e0s a\u2019 chladach ann an d\u00f2igh nach d\u00e8an cron air bun na feamad, a bhios ga bhrosnachadh gu f\u00e0s \u00e0s \u00f9r sna bliadhnaichean ri teachd.<\/p>\n<p>Tha sinn cuideachd a\u2019 gabhail for air a\u2019 bhuaidh chruinneil againn, on a bhios an d\u00f2igh anns am bi sinn a\u2019 ruith ar companaidh a\u2019 toirt buaidh air atharrachadh na gn\u00e0th-sh\u00ecde. On a tha e mar <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/assets.publishing.service.gov.uk\/government\/uploads\/system\/uploads\/attachment_data\/file\/1019141\/UKEF_Climate_Change_Strategy_2021.pdf\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">amas don R.A. a bhith carbon-neodrach ro 2050<\/a><\/span>, tha dleastanas air gach gn\u00ecomhachas an cois an amais seo. Gun teagamh, tha sgioba Uist Asco daonnan a\u2019 siubhal dh\u00f2ighean anns am faod sinn ar lorg carboin a l\u00f9ghdachadh. Bidh sinn fi\u00f9 \u2019s a\u2019 cleachdadh teasachaidh ath-nuadhachail (RHI), seach connadh fosail, ann an tiormachadh a\u2019 bharra feamad, a\u2019 l\u00f9ghdachadh na sgaoileas sinn de eimiseanan agus a\u2019 l\u00f9ghdachadh na buaidhe a bhios aig atharrachadh na gn\u00e0th-sh\u00ecde air a\u2019 choimhearsnachd eileanach againn.<\/p>\n<h3>A Bhith nar Deagh N\u00e0baidh<\/h3>\n<p>Gu h-eachdraidheil, tha sg\u00ecrean iomallach air fulang ri linn easbhaidhean ann an tasgadh ionmhasail agus bun-structair. Leigidh na goireasan sin le daoine a bhith a\u2019 leasachadh an coir fh\u00e8in. Ged nach eil seo do-dh\u00e8anta do choimhearsnachdan d\u00f9thchail eileanach, feumaidh buidhnean agus riaghaltasan a dhol an s\u00e0s, a\u2019 tasgadh agus a\u2019 cuideachadh na tha mun cuairt orra.<\/p>\n<p>D\u00e8 tha e a\u2019 ciallachadh do bhuidhnean a bhith nan deagh n\u00e0baidhean? Ch\u00ec sinn d\u00e0 dh\u00f2igh air seo:<\/p>\n<ul>\n<li>A\u2019 gabhail c\u00f9ram air \u00e0iteachan agus goireasan coitcheann<\/li>\n<li>A\u2019 toirt l\u00e0mh chuideachaidh do dhaoine a tha feumach oirre<\/li>\n<\/ul>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p>Tha an d\u00e0rna puing tric a\u2019 ciallachadh bun-structar. Tha rathaidean, drochaidean, puirt, siostaman \u00f2trachais, l\u00econraidhean conaltraidh, agus eile, uile air an cleachdadh le buill na coimhearsnachd, agus tha earrann againn uile annta. Tha sinn gu d\u00eccheallach a\u2019 dol an s\u00e0s ann an cumail suas nan cidheachan cladaich. Nuair a bhathar a\u2019 c\u00e0radh Cidhe nan Iasgairean ann an Loch nam Madadh, ch\u00e0raich sinn an roinn fon chidhe a bh\u2019 air a sguabadh \u00e0s, ga f\u00e0gail na b\u2019 fhe\u00e0rr na fhuair sinn i.<\/p>\n<p><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\" wp-image-1650 alignleft\" src=\"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Image-300x225.jpeg\" alt=\"\" width=\"331\" height=\"248\" srcset=\"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Image-300x225.jpeg 300w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Image-1024x768.jpeg 1024w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Image-768x576.jpeg 768w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Image-1536x1152.jpeg 1536w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Image-2048x1536.jpeg 2048w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Image-1200x900.jpeg 1200w\" sizes=\"auto, (max-width: 331px) 100vw, 331px\" \/>Tha a\u2019 phuing eile, a bhith a\u2019 cruthachadh deagh chosnadh do dhaoine, a cheart cho cudromach. Leis nach e luchd-obrach tuarastalaichte a th\u2019 anns an Luchd-buana, tha an cead fh\u00e8in obrachadh nuair a bu mhiann leotha. Ge-t\u00e0, chan eil sin a\u2019 ciallachadh nach c\u00f9m sinn taic agus goireasan riutha a leigeas leotha obrachadh gu tarbhach. Tabhainnidh sinn:<\/p>\n<ul>\n<li>Tr\u00e8anadh dhaibhsan nach do bhuain a riamh<\/li>\n<li>Pr\u00f2graman ionmhais don Luchd-buana mu choinneamh eathraichean agus einnseanan<\/li>\n<li>L\u00ecn, r\u00f2pannan, agus corrain a bhuain na feamad gu tarbhach<\/li>\n<\/ul>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p>Faodaidh buidhnean a bhios a\u2019 cur na h-aon chleachdannan an s\u00e0s a bhith a\u2019 leasachadh choimhearsnachdan d\u00f9thchail le airgead tasgaidh. Le bhith a\u2019 tabhainn na h-uidheamachd agus na taice do dhaoine a bhith a\u2019 leasachadh an coir fh\u00e8in, tha na companaidhean seo a\u2019 cur ri seasmhachd an coimhearsnachdan.<\/p>\n<h3>A\u2019 Cumail Ginealach \u00d2g san Eilean<\/h3>\n<p>Faodaidh gleidheadh sluaigh a bhith na dh\u00f9bhlan do choimhearsnachdan eileanach, agus tha sin f\u00ecor do choimhearsnachdan Innse Gall. Sna bliadhnaichean a dh\u2019fhalbh, bha deagh adhbhar air a shon. Cha robh d\u00e0 roghainn aig m\u00f2ran. Dh\u2019fhalbhadh an \u00f2igridh a lorg chothroman cosnaidh, ged a bha e duilich soraidh sl\u00e0n fh\u00e0gail rin c\u00e0irdean agus eilean an \u00e0raich. Ach cha mhotha a dh\u2019fheumas an \u00e0s-imrich seo leantainn air an-diugh.<\/p>\n<p><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\" wp-image-1648 alignleft\" src=\"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/1-300x225.jpg\" alt=\"\" width=\"324\" height=\"243\" srcset=\"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/1-300x225.jpg 300w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/1.jpg 720w\" sizes=\"auto, (max-width: 324px) 100vw, 324px\" \/>Ged nach robh mi fh\u00ecn an seo sna 90an, \u2019s d\u00f2cha gun robh l\u00e0rach-l\u00ecn Innse Gall Bhiortail air thoiseach air c\u00e0ch a\u2019 togail aire gum faod eileanaich am be\u00f2-shl\u00e0inte a dh\u00e8anamh sna h-eileanan. Sheall e an liuthad dh\u00f2igh san robh companaidhean a\u2019 tabhainn deagh chosnaidhean agus chothroman ionadail. Do luchd-obrach air astar, \u2019s math sin. Ach dhaibhsan le sgilean nas tradaiseanta? Tha an fhreagairt againne.<\/p>\n<p>Nuair a st\u00e8idhich Raghnall MacIain Uist Asco, bha tuigse aige gum faodadh reic na feamad torraich, a th\u00e0inig \u00e0s na h-uisgeachan againn fh\u00ecn, a bhith a\u2019 cur ri inbhe beatha muinntir nan eilean. Tha Acadian Seaplants a\u2019 leantainn oirnne leis an l\u00e8irsinn seo ann an grunn dh\u00f2ighean. An toiseach, gheibh duine sam bith a thig a bhuain dhuinn pr\u00ecs chothromach air an fheamainn, a\u2019 cumail deagh chosnadh riutha. Cuideachd, tha feum air daoine d\u00eccheallach innleachdach airson am b\u00e0rr a ghiullachd, a\u2019 tabhainn obair sheasmhach do eileanach, le deagh shochairean.<\/p>\n<p>Tha sinn a\u2019 faicinn gheallaidhean on \u00f9ghdarras ionadail agus \u00f9ghdarras leasachadh coimhearsnachd Riaghaltas na h-Alba. Dhaibhsan a tha airson fuireach no tilleadh san sg\u00ecre, tha Iomairt na G\u00e0idhealtachd agus nan Eilean (HIE) agus Comhairle nan Eilean Siar (CnES) air dreuchd 12-m\u00ecos a st\u00e8idheachadh gus daoine a chuideachadh a dh\u00e8anamh am beatha sna h-Eileanan Siar. \u2019S e <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.hie.co.uk\/latest-news\/2022\/june\/07\/new-settlement-officer-appointed-in-the-outer-hebrides\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Kareen MacRury<\/a><\/span>, bana-Thuathach, a\u2019 chiad neach san dreuchd seo. Tha an dreuchd aice air aon de thr\u00ec obraichean tuineachaidh, a bhios gan st\u00e8idheachadh air feadh na G\u00e0idhealtachd agus nan Eilean, gus daoine a th\u00e0ladh dhan sg\u00ecre, comhairle imprig a thoirt seachad, agus fiosrachadh a chruinneachadh mu dh\u00f9bhlain an cois tuineachadh, agus airson sti\u00f9ireadh a thoirt do ghn\u00ecomhan eile san \u00e0m ri teachd.<\/p>\n<p>A\u2019 bruidhinn air tuineachadh, tha planaichean againn airgead a chur mu seach airson taigheadas coitcheann do luchd-obrach agus teaghlaichean \u00f2ga a thogail ann an Innse Gall. Ag obair c\u00f2mhla ri buidhnean ionadail eile, tha e nar n-amas gum bi e nas fhasa do dhaoine a bhith a\u2019 fuireach anns an eilean \u2013 agus \u2019s d\u00f2cha daoine \u00f9ra a th\u00e0ladh dhan sg\u00ecre.<\/p>\n<h3>Am bu thoil leat barrachd ionnsachadh air mar a chuireas Uist Asco ri deagh chosnadh agus f\u00e0s eaconamach? <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/naidheachdan-agus-blog\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Lean sinn airson na naidheachd as \u00f9ire<\/a><\/span> air a\u2019 ghn\u00ecomhachas agus ar l\u00e8irsinn.<\/h3>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<h3><span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/naidheachdan-agus-blog\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Leugh ar naidheachdan<\/a><\/span><\/h3>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong><em><u>Related Articles<\/u><\/em><\/strong><\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/\">4 Aithrisean air Soirbheachas So-sheasmhach ann an Innse Gall agus Alba \u2013 A\u2019 Cur Ar Saoghail Am Feabhas<\/a><\/span><\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/a-bhuaidh-mhor-a-ni-companaidhean-ann-an-coimhearsnachd-bheag\/\">A\u2019 Bhuaidh Mh\u00f2r a N\u00ec Companaidhean ann an Coimhearsnachd Bheag<\/a><\/span><\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/eachdraidh-buain-na-feamad-agus-a-giullachd-ann-an-uibhist\/\">Eachdraidh Buain na Feamad agus a Giullachd ann an Uibhist<\/a><\/span><\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Le:\u00a0 Jean-Pierre Brien, Sti\u00f9iriche Phr\u00f2iseactan, An Roinn E\u00f2rpa \u2019S e rud s\u00f2nraichte luachmhor a th\u2019 ann am beatha ann an eilean d\u00f9thchail. Dh\u2019fhaodadh gu bheil e doirbh a chreidsinn do mhuinntir a\u2019 bhaile mh\u00f2ir cho faisg \u2019s a tha sinn ri n\u00e0dar agus ar n\u00e0baidhean. An d\u00e8idh a bhith ga fhiosrachadh dhomh fh\u00ecn, cha reicinn [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":13,"featured_media":1646,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","sticky":false,"template":"","format":"standard","meta":{"footnotes":""},"categories":[24],"tags":[],"class_list":["post-1651","post","type-post","status-publish","format-standard","has-post-thumbnail","hentry","category-community-ga"],"yoast_head":"<!-- This site is optimized with the Yoast SEO plugin v27.4 - https:\/\/yoast.com\/product\/yoast-seo-wordpress\/ -->\n<title>Deagh Chosnadh agus F\u00e0s Eaconamach: Uist Asco a\u2019 cur ri Soirbheachas D\u00f9thchail<\/title>\n<meta name=\"description\" content=\"Tha d\u00f9bhlan ro sg\u00ecre Innse Gall a thaobh ghoireasan agus th\u00e8id feum a chur air gn\u00ecomhachasan ionadail gus cuideachadh. Seo mar a chuidicheas Uist Asco a chruthachadh deagh chosnadh agus f\u00e0s eaconamach.\" \/>\n<meta name=\"robots\" content=\"index, follow, max-snippet:-1, max-image-preview:large, max-video-preview:-1\" \/>\n<link rel=\"canonical\" href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/\" \/>\n<meta property=\"og:locale\" content=\"ga_IE\" \/>\n<meta property=\"og:type\" content=\"article\" \/>\n<meta property=\"og:title\" content=\"Deagh Chosnadh agus F\u00e0s Eaconamach: Uist Asco a\u2019 cur ri Soirbheachas D\u00f9thchail\" \/>\n<meta property=\"og:description\" content=\"Tha d\u00f9bhlan ro sg\u00ecre Innse Gall a thaobh ghoireasan agus th\u00e8id feum a chur air gn\u00ecomhachasan ionadail gus cuideachadh. Seo mar a chuidicheas Uist Asco a chruthachadh deagh chosnadh agus f\u00e0s eaconamach.\" \/>\n<meta property=\"og:url\" content=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/\" \/>\n<meta property=\"og:site_name\" content=\"Uist Asco\" \/>\n<meta property=\"article:published_time\" content=\"2022-08-22T19:17:30+00:00\" \/>\n<meta property=\"article:modified_time\" content=\"2022-08-23T12:52:29+00:00\" \/>\n<meta property=\"og:image\" content=\"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Uist-cover.jpg\" \/>\n\t<meta property=\"og:image:width\" content=\"1430\" \/>\n\t<meta property=\"og:image:height\" content=\"953\" \/>\n\t<meta property=\"og:image:type\" content=\"image\/jpeg\" \/>\n<meta name=\"author\" content=\"Acadian Communications\" \/>\n<meta name=\"twitter:card\" content=\"summary_large_image\" \/>\n<meta name=\"twitter:label1\" content=\"Written by\" \/>\n\t<meta name=\"twitter:data1\" content=\"Acadian Communications\" \/>\n\t<meta name=\"twitter:label2\" content=\"Est. reading time\" \/>\n\t<meta name=\"twitter:data2\" content=\"7 minutes\" \/>\n<script type=\"application\/ld+json\" class=\"yoast-schema-graph\">{\"@context\":\"https:\\\/\\\/schema.org\",\"@graph\":[{\"@type\":\"Article\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\\\/#article\",\"isPartOf\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\\\/\"},\"author\":{\"name\":\"Acadian Communications\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#\\\/schema\\\/person\\\/0b904e72b93b78cb20a9e60f7a5594b2\"},\"headline\":\"Soirbheachas Eileanach: Mar a chuireas Deagh Chosnadh ri Beatha Innse Gall\",\"datePublished\":\"2022-08-22T19:17:30+00:00\",\"dateModified\":\"2022-08-23T12:52:29+00:00\",\"mainEntityOfPage\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\\\/\"},\"wordCount\":1458,\"publisher\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#organization\"},\"image\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\\\/#primaryimage\"},\"thumbnailUrl\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2022\\\/08\\\/Uist-cover.jpg\",\"articleSection\":[\"Community\"],\"inLanguage\":\"ga-IE\"},{\"@type\":\"WebPage\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\\\/\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\\\/\",\"name\":\"Deagh Chosnadh agus F\u00e0s Eaconamach: Uist Asco a\u2019 cur ri Soirbheachas D\u00f9thchail\",\"isPartOf\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#website\"},\"primaryImageOfPage\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\\\/#primaryimage\"},\"image\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\\\/#primaryimage\"},\"thumbnailUrl\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2022\\\/08\\\/Uist-cover.jpg\",\"datePublished\":\"2022-08-22T19:17:30+00:00\",\"dateModified\":\"2022-08-23T12:52:29+00:00\",\"description\":\"Tha d\u00f9bhlan ro sg\u00ecre Innse Gall a thaobh ghoireasan agus th\u00e8id feum a chur air gn\u00ecomhachasan ionadail gus cuideachadh. Seo mar a chuidicheas Uist Asco a chruthachadh deagh chosnadh agus f\u00e0s eaconamach.\",\"breadcrumb\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\\\/#breadcrumb\"},\"inLanguage\":\"ga-IE\",\"potentialAction\":[{\"@type\":\"ReadAction\",\"target\":[\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\\\/\"]}]},{\"@type\":\"ImageObject\",\"inLanguage\":\"ga-IE\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\\\/#primaryimage\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2022\\\/08\\\/Uist-cover.jpg\",\"contentUrl\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2022\\\/08\\\/Uist-cover.jpg\",\"width\":1430,\"height\":953,\"caption\":\"Island Prosperity: How Good Jobs Make Life Better in the Outer Hebrides\"},{\"@type\":\"BreadcrumbList\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\\\/#breadcrumb\",\"itemListElement\":[{\"@type\":\"ListItem\",\"position\":1,\"name\":\"Home\",\"item\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/\"},{\"@type\":\"ListItem\",\"position\":2,\"name\":\"Soirbheachas Eileanach: Mar a chuireas Deagh Chosnadh ri Beatha Innse Gall\"}]},{\"@type\":\"WebSite\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#website\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/\",\"name\":\"Uist Asco\",\"description\":\"Scottish Seaweed\",\"publisher\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#organization\"},\"potentialAction\":[{\"@type\":\"SearchAction\",\"target\":{\"@type\":\"EntryPoint\",\"urlTemplate\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/?s={search_term_string}\"},\"query-input\":{\"@type\":\"PropertyValueSpecification\",\"valueRequired\":true,\"valueName\":\"search_term_string\"}}],\"inLanguage\":\"ga-IE\"},{\"@type\":\"Organization\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#organization\",\"name\":\"Arramara\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/\",\"logo\":{\"@type\":\"ImageObject\",\"inLanguage\":\"ga-IE\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#\\\/schema\\\/logo\\\/image\\\/\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2018\\\/11\\\/Group-205@2x.png\",\"contentUrl\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2018\\\/11\\\/Group-205@2x.png\",\"width\":261,\"height\":261,\"caption\":\"Arramara\"},\"image\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#\\\/schema\\\/logo\\\/image\\\/\"}},{\"@type\":\"Person\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#\\\/schema\\\/person\\\/0b904e72b93b78cb20a9e60f7a5594b2\",\"name\":\"Acadian Communications\",\"image\":{\"@type\":\"ImageObject\",\"inLanguage\":\"ga-IE\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/secure.gravatar.com\\\/avatar\\\/f85f0d078c774304c8668e109bd7244f8ba9321c071b97c2110adac8d84e4c56?s=96&d=mm&r=g\",\"url\":\"https:\\\/\\\/secure.gravatar.com\\\/avatar\\\/f85f0d078c774304c8668e109bd7244f8ba9321c071b97c2110adac8d84e4c56?s=96&d=mm&r=g\",\"contentUrl\":\"https:\\\/\\\/secure.gravatar.com\\\/avatar\\\/f85f0d078c774304c8668e109bd7244f8ba9321c071b97c2110adac8d84e4c56?s=96&d=mm&r=g\",\"caption\":\"Acadian Communications\"},\"url\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/author\\\/acadian-communications\\\/\"}]}<\/script>\n<!-- \/ Yoast SEO plugin. -->","yoast_head_json":{"title":"Deagh Chosnadh agus F\u00e0s Eaconamach: Uist Asco a\u2019 cur ri Soirbheachas D\u00f9thchail","description":"Tha d\u00f9bhlan ro sg\u00ecre Innse Gall a thaobh ghoireasan agus th\u00e8id feum a chur air gn\u00ecomhachasan ionadail gus cuideachadh. Seo mar a chuidicheas Uist Asco a chruthachadh deagh chosnadh agus f\u00e0s eaconamach.","robots":{"index":"index","follow":"follow","max-snippet":"max-snippet:-1","max-image-preview":"max-image-preview:large","max-video-preview":"max-video-preview:-1"},"canonical":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/","og_locale":"ga_IE","og_type":"article","og_title":"Deagh Chosnadh agus F\u00e0s Eaconamach: Uist Asco a\u2019 cur ri Soirbheachas D\u00f9thchail","og_description":"Tha d\u00f9bhlan ro sg\u00ecre Innse Gall a thaobh ghoireasan agus th\u00e8id feum a chur air gn\u00ecomhachasan ionadail gus cuideachadh. Seo mar a chuidicheas Uist Asco a chruthachadh deagh chosnadh agus f\u00e0s eaconamach.","og_url":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/","og_site_name":"Uist Asco","article_published_time":"2022-08-22T19:17:30+00:00","article_modified_time":"2022-08-23T12:52:29+00:00","og_image":[{"width":1430,"height":953,"url":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Uist-cover.jpg","type":"image\/jpeg"}],"author":"Acadian Communications","twitter_card":"summary_large_image","twitter_misc":{"Written by":"Acadian Communications","Est. reading time":"7 minutes"},"schema":{"@context":"https:\/\/schema.org","@graph":[{"@type":"Article","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/#article","isPartOf":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/"},"author":{"name":"Acadian Communications","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#\/schema\/person\/0b904e72b93b78cb20a9e60f7a5594b2"},"headline":"Soirbheachas Eileanach: Mar a chuireas Deagh Chosnadh ri Beatha Innse Gall","datePublished":"2022-08-22T19:17:30+00:00","dateModified":"2022-08-23T12:52:29+00:00","mainEntityOfPage":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/"},"wordCount":1458,"publisher":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#organization"},"image":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/#primaryimage"},"thumbnailUrl":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Uist-cover.jpg","articleSection":["Community"],"inLanguage":"ga-IE"},{"@type":"WebPage","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/","url":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/","name":"Deagh Chosnadh agus F\u00e0s Eaconamach: Uist Asco a\u2019 cur ri Soirbheachas D\u00f9thchail","isPartOf":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#website"},"primaryImageOfPage":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/#primaryimage"},"image":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/#primaryimage"},"thumbnailUrl":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Uist-cover.jpg","datePublished":"2022-08-22T19:17:30+00:00","dateModified":"2022-08-23T12:52:29+00:00","description":"Tha d\u00f9bhlan ro sg\u00ecre Innse Gall a thaobh ghoireasan agus th\u00e8id feum a chur air gn\u00ecomhachasan ionadail gus cuideachadh. Seo mar a chuidicheas Uist Asco a chruthachadh deagh chosnadh agus f\u00e0s eaconamach.","breadcrumb":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/#breadcrumb"},"inLanguage":"ga-IE","potentialAction":[{"@type":"ReadAction","target":["https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/"]}]},{"@type":"ImageObject","inLanguage":"ga-IE","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/#primaryimage","url":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Uist-cover.jpg","contentUrl":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Uist-cover.jpg","width":1430,"height":953,"caption":"Island Prosperity: How Good Jobs Make Life Better in the Outer Hebrides"},{"@type":"BreadcrumbList","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/deagh-chosnadh-fas-eaconamach-innse-gall\/#breadcrumb","itemListElement":[{"@type":"ListItem","position":1,"name":"Home","item":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/"},{"@type":"ListItem","position":2,"name":"Soirbheachas Eileanach: Mar a chuireas Deagh Chosnadh ri Beatha Innse Gall"}]},{"@type":"WebSite","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#website","url":"https:\/\/www.uistasco.com\/","name":"Uist Asco","description":"Scottish Seaweed","publisher":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#organization"},"potentialAction":[{"@type":"SearchAction","target":{"@type":"EntryPoint","urlTemplate":"https:\/\/www.uistasco.com\/?s={search_term_string}"},"query-input":{"@type":"PropertyValueSpecification","valueRequired":true,"valueName":"search_term_string"}}],"inLanguage":"ga-IE"},{"@type":"Organization","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#organization","name":"Arramara","url":"https:\/\/www.uistasco.com\/","logo":{"@type":"ImageObject","inLanguage":"ga-IE","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#\/schema\/logo\/image\/","url":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2018\/11\/Group-205@2x.png","contentUrl":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2018\/11\/Group-205@2x.png","width":261,"height":261,"caption":"Arramara"},"image":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#\/schema\/logo\/image\/"}},{"@type":"Person","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#\/schema\/person\/0b904e72b93b78cb20a9e60f7a5594b2","name":"Acadian Communications","image":{"@type":"ImageObject","inLanguage":"ga-IE","@id":"https:\/\/secure.gravatar.com\/avatar\/f85f0d078c774304c8668e109bd7244f8ba9321c071b97c2110adac8d84e4c56?s=96&d=mm&r=g","url":"https:\/\/secure.gravatar.com\/avatar\/f85f0d078c774304c8668e109bd7244f8ba9321c071b97c2110adac8d84e4c56?s=96&d=mm&r=g","contentUrl":"https:\/\/secure.gravatar.com\/avatar\/f85f0d078c774304c8668e109bd7244f8ba9321c071b97c2110adac8d84e4c56?s=96&d=mm&r=g","caption":"Acadian Communications"},"url":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/author\/acadian-communications\/"}]}},"fimg_url":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/08\/Uist-cover.jpg","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/1651","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/posts"}],"about":[{"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/types\/post"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/users\/13"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=1651"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/1651\/revisions"}],"wp:featuredmedia":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/media\/1646"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=1651"}],"wp:term":[{"taxonomy":"category","embeddable":true,"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/categories?post=1651"},{"taxonomy":"post_tag","embeddable":true,"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/tags?post=1651"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}