{"id":1605,"date":"2022-01-25T16:40:43","date_gmt":"2022-01-25T16:40:43","guid":{"rendered":"https:\/\/www.uistasco.com\/?p=1605"},"modified":"2022-01-25T16:40:43","modified_gmt":"2022-01-25T16:40:43","slug":"so-sheasmhachd-alba-uist-asco","status":"publish","type":"post","link":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/","title":{"rendered":"4 Aithrisean air Soirbheachas So-sheasmhach ann an Innse Gall agus Alba \u2013 A\u2019 Cur Ar Saoghail Am Feabhas"},"content":{"rendered":"<p>Tha sinn a\u2019 faicinn gluasad misneachail air feadh na h-Alba agus daoine a\u2019 feuchainn ri co-chothrom fhaighinn eadar cumail suas coimhearsnachdan sgairteil agus d\u00econ na h-\u00e0rainneachd ionadail aca. Tha a bhith a\u2019 gabhail deagh ch\u00f9ram air an \u00e0rainneachd a\u2019 freagairt gu m\u00f2r air so-sheasmhachd, a\u2019 sealltainn nach feumte soirbheachas dhaoine a leigeil dhan d\u00e0rna taobh airson sti\u00f9bhartachd na h-\u00e0rainneachd a thoirt gu buil. Le sin, seo dhuibh ceithir aithrisean air so-sheasmhachd shoirbheachail ann an Alba a tha airidh air moladh (agus meudachadh, mas urrainnear).<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<h3>A\u2019 Cruthachadh Connadh \u00e0 Sgudal Organach<\/h3>\n<p>Leis cho faisg agus a tha sinn air an uisge, chan iongnadh ged a n\u00ec coimhearnsachdan Innse Gall am bith-be\u00f2 \u00e0s a\u2019 mhuir. Tha gach rud eadar <em>Ascophyllum nodosum<\/em> gu giomaich is iasg a\u2019 cur ris an eaconomaidh ionadail. Agus gu d\u00e8 ged a bhiodh goireas a bharrachd a thig on d\u00f2igh ghiullachd nach robhar a\u2019 cleachdadh? Agus gu d\u00e8 ged a chuireadh na goireasan sin ri beatha nan eilean? \u2019S e sin a\u2019 cheist a tha <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/fishfocus.co.uk\/top-environmental-award\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Ionad Cumhachd Ionadail Innse Gall<\/a><\/span> (OHLEH) a\u2019 feuchainn ri fuasgladh.<\/p>\n<p><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"size-medium wp-image-1604 alignright\" src=\"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Salmon-Swimming-Against-River-277202335-300x200.jpg\" alt=\"\" width=\"300\" height=\"200\" srcset=\"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Salmon-Swimming-Against-River-277202335-300x200.jpg 300w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Salmon-Swimming-Against-River-277202335-1024x682.jpg 1024w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Salmon-Swimming-Against-River-277202335-768x511.jpg 768w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Salmon-Swimming-Against-River-277202335-1536x1022.jpg 1536w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Salmon-Swimming-Against-River-277202335-1200x799.jpg 1200w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Salmon-Swimming-Against-River-277202335.jpg 1600w\" sizes=\"auto, (max-width: 300px) 100vw, 300px\" \/><\/p>\n<p>Ron phr\u00f2iseact OHLEH, cha robhar a\u2019 d\u00e8anamh feum \u00e0 sgudal organach a thigeadh o Chompanaidh Bhradan na h-Alba (SSC). Tron chomp\u00e0irteachas aca ri Pure Energy Centre, Community Energy Scotland agus Comhairle nan Eilean Siar (CnES), th\u00e8id an stuth seo a dh\u00e8anamh na chonnadh cumhachd a tha b\u00e0idheil dhan \u00e0rainneachd.<\/p>\n<p>T\u00f2isichidh am pr\u00f2iseas nuair a th\u00e8id sgudal organach bho ionad giullachd SSC ann an Eilean Le\u00f2dhais a cho-mheasgachadh ri sgudal-taighe agus sgudal-g\u00e0rraidh \u00e0s an sg\u00ecre ionadail ann an tanca-lobhaidh aig Ionad Sgudal-taighe agus Ath-chuairteachaidh aig CnES. Lobhaidh meanbh-bheathaichean an stuth organach agus n\u00ecthear bio-gas uaine a bhios ga chleachdadh mar chonnadh ann an ionad teasa is cumhachd. Bheir seo cumhachd ri cruthadair-dealain a bhios a\u2019 cumail cumhachd ri ionad-\u00e0raich \u00e8isg SSC agus l\u00e0raidh-sgudail na Comhairle a ruitheas air h\u00e0idhdreaidean.<\/p>\n<p>Chan e a-mh\u00e0in gun robh othail mh\u00f2r sa choimhearsnachd ionadail mun phr\u00f2iseact uaine seo ach gun do ghl\u00e8idh e na duaisean <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.vibes.org.uk\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">VIBES Scottish Environment Business Awards<\/a><\/span> ann an 2019.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<h3>Cumhachd Ath-nuadhachail Air Feadh na h-Alba<\/h3>\n<p>Tha clann nan daoine a\u2019 tighinn ris a\u2019 bheachd gum feumte gluasad air falbh o chumhachd nach eil ath-nuadhachail. Ged a tha an gluasad air a bhith mall gu ruige seo, tha e a\u2019 s\u00ecor-dhol nas luaithe le leasachadh an teicne\u00f2lais agus f\u00e0s aire an t-sluaigh. \u2019S iad na d\u00f9thchannan a rinn an t-adhartas as motha an fheadhainn anns an robh \u00f9ghdarrasan ionadail agus riaghaltasan an s\u00e0s sa ghnothach.<\/p>\n<p>Tha <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.cne-siar.gov.uk\/housing\/energy-and-insulation-schemes\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Comhairle nan Eilean Siar<\/a><\/span> agus Tighean Innse Gall air maoineachadh fhaighinn o Riaghaltas na h-Alba gus dachannan nan eilean a dh\u00e8anamh nas uaine tro roghainnean cumhachd a tha so-sheasmach. Air aon de na h-iomairtean seo tha atharrachadh teasachadh thaighean agus thoglaichean gu pumpaichean teas-adhair, a tha nas earbsaiche agus nas uaine.<\/p>\n<p>A thuilleadh air l\u00f9ghdachadh ar lorg carboin choitchinn, tha na pumpaichean teas-adhair agus eile a\u2019 gearradh s\u00ecos air na bhios daoine a\u2019 cosg air dealan anns na h-eileanan. Gheibhear cuideachd p\u00e0igheadh gach c\u00e0irteal-bliadhna o <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/energysavingtrust.org.uk\/grants-and-loans\/renewable-heat-incentive\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Sgeama Teas Ath-nuadhachail an Riaghaltais<\/a><\/span>. Tha buannachd ann do gach cuid coimhearsnachdan ionadail agus an \u00e0rainneachd. \u00a0<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<h3>Ath-fhiadhachadh na G\u00e0idhealtachd<\/h3>\n<p>Gu tric, nuair a tha sinn a-mach air \u2018soirbheachas\u2019, tha sinn a\u2019 bruidhinn air soirbheachas ionmhasail no eaconomach. Ach bu ch\u00f2ir a bhith a\u2019 bruidhinn air gl\u00e8idheadh an fhearainn fh\u00e8in. A ch\u00f2rr air mothachadh dhan bhuaidh a bheirte air an \u00e0rainneachd agus l\u00f9ghdachadh na h-uimhir a stuth a chaithear, cuiridh d\u00f9thchannan a bhios a\u2019 gabhail ri so-sheamhachd d\u00econ air na h-\u00e0iteachan anns an tig lusan is ainmhidhean be\u00f2. Ged a bhios coigrich a\u2019 smaointinn air a\u2019 Gh\u00e0idhealtachd mar fhr\u00ecth fhiadhaich, tha coimhearsnachd an iar-thuath ag obair gus a m\u00f2rachd n\u00e0darra \u00f9rachadh.<\/p>\n<p><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"alignleft wp-image-1602 \" src=\"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Loch-Affric-Scottish-Highland-2743131-300x257.jpg\" alt=\"\" width=\"302\" height=\"259\" srcset=\"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Loch-Affric-Scottish-Highland-2743131-300x257.jpg 300w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Loch-Affric-Scottish-Highland-2743131-1024x878.jpg 1024w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Loch-Affric-Scottish-Highland-2743131-768x658.jpg 768w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Loch-Affric-Scottish-Highland-2743131-1536x1317.jpg 1536w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Loch-Affric-Scottish-Highland-2743131-2048x1756.jpg 2048w, https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/bigstock-Loch-Affric-Scottish-Highland-2743131-1200x1029.jpg 1200w\" sizes=\"auto, (max-width: 302px) 100vw, 302px\" \/><\/p>\n<p>\u2019S e <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.theguardian.com\/environment\/2021\/sep\/24\/vast-area-of-scottish-highlands-to-be-rewilded-in-ambitious-30-year-project-aoe\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">iomairt Affric Highlands<\/a><\/span> air aon de na pr\u00f2iseactan ath-fhiadhachaidh as motha ann an Alba. Togaidh am pr\u00f2iseact seo \u00e0rainneachd cho-cheangailte de ch\u00f2rr is 200,000ha o Loch Nis gu Cinn T\u00e0ile thar 30 bliadhna. Th\u00e8id craobhan a chur, bruthaichean aibhnichean a dhaingneachadh, agus m\u00f2intichean a nuadhachadh gus \u00e0rainneachdan sl\u00e0na a chruthachadh do dh\u2019fhiadh-bheatha.<\/p>\n<p>\u2019S e a tha gu s\u00f2nraichte brosnachail gu bheil a\u2019 choimhearsnachd a\u2019 dol an s\u00e0s cho m\u00f2r. Tha tuathanaich, uachdarain agus iasgairean air taic a thabhainn gus am fearann a riaghladh agus an cuid e\u00f2lais a cho-roinn. Tha sgr\u00f9daidhean tr\u00e0tha am beachd gun tig buannachd don bhradan, bhreac, bhiast-dubh, iolair-bhuidhe, chomhachag, ghe\u00e0rr agus eile an cois a\u2019 phr\u00f2iseict ghl\u00e8idhteachais seo. \u2019S d\u00f2cha fi\u00f9 \u2019s gum bithear a\u2019 brosnachadh <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.treehugger.com\/half-million-acres-scottish-highlands-rewilded-5204418\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">chat-fiadhaich, bh\u00ecobhairean agus le\u00f2mhnagan<\/a><\/span> gu tilleadh.<\/p>\n<p>Cho math ri d\u00f9thaich nas fallaine agus nas seasmhaiche, bheir am pr\u00f2iseact cleachdannan \u00e0iteachais a-steach dhan sg\u00ecre a tha b\u00e0idheil do n\u00e0dar, a bhios mar bhuannachd do choimhearsnachdan ionadail agus do bh\u00f2idhchead n\u00e0darra na G\u00e0idhealtachd.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<h3>A\u2019 Gl\u00e8idheadh Feamad dhan \u00c0m ri Teachd &amp; A\u2019 L\u00f9ghdachadh Eimiseanan Carboin<\/h3>\n<p>Ann an Innse Gall, tha sinn ag obair gu cruaidh gum bi so-sheasmhachd a\u2019 ruith tron ghn\u00ecomhachas againn gu ch\u00f9l. Bho bhuain feamad ann an d\u00f2igh sheasmhach gu bhith a\u2019 cleachdadh cumhachd ath-nuadhachail anns an ionad giullachd, tha sinn daonnan a\u2019 sireadh dh\u00f2ighean \u00f9ra gus ar lorg carboin a thoirt an lughad.<\/p>\n<p>Bidh sinn a\u2019 falbh a-mach gu tric dha na h-uisgeachan mu thimcheall Uibhist a Tuath ach am faic sinn cho cudromach \u2019s a tha <em>Ascophyllum nodosum<\/em> don liuthad bhiastan-mara, a bhios ga chleachdadh mar dhachaigh no biadh no \u00e0ite-falaich. Bidh sinn cuideachd a\u2019 cleachdadh dh\u00f2ighean-buana d\u00f9thchasach, agus \u00f9ra, gus d\u00e8anamh cinnteach gun cuir an goireas n\u00e0darra seo ri beatha muinntir nan eilean. \u2019S e sin as adhbhar gu bheil sinn c\u00f9ramach mun d\u00f2igh anns a bhios sinn a\u2019 coimhead \u00e0s a dh\u00e8idh, o th\u00f9s gu \u00e8is.<\/p>\n<p>Mar eisimpleir, \u2019s e daoine ionadail a th\u2019 anns an Luchd-buana againn, a leanas <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/our-sustainability\/sustainable-seaweed-harvesting-methods\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">d\u00f2ighean buain feamad<\/a><\/span> nach f\u00e0g buaidh ro-mh\u00f2r air a\u2019 ghoireas fh\u00e8in. Cha bhi iad ach a\u2019 toirt clup beag, a\u2019 f\u00e0gail chas na feamad air a\u2019 charraig gus am f\u00e0s <em>Ascophyllum nodosum <\/em>a-rithist. C\u00f9maidh sinn s\u00f9il air a\u2019 bh\u00e0rr gus d\u00e8anamh cinnteach nach buain sinn ach ann an \u00e0iteachan a th\u2019 air tighinn gu \u00ecre fhallain a-rithist.<\/p>\n<p>Seach c\u00f9ram a ghabhail dhen ghoireas feamad, n\u00ec sinn cinnteach gum bi am pr\u00f2iseas giullachd cho uaine sa ghabhas. Le cleachdadh teasachaidh ath-nuadhachail (<em>RHI<\/em>), seach connadh-fosail, th\u00e8id an fheamainn a thiormachadh le losgadh spealgan fiodha. Tha sinn cuideachd ag obair gus tiormadair feamad \u00f9r a chur an s\u00e0s a tha 50% nas \u00e8ifeachdaiche a thaobh cumhachd na am fear a th\u2019 againn an-dr\u00e0sta.<\/p>\n<p>Tha sinn air gluasad air falbh o l\u00e0raidhean-l\u00ecbhrigidh airson an fhiodh-chonnaidh a thoirt a-steach. Na \u00e0ite sin, bidh sinn a-nise a\u2019 cleachdadh b\u00e0ta airson luchd 1,000 tunna a thoirt a-steach gach turas. Tha seo a\u2019 l\u00f9ghdachadh a\u2019 chonnaidh-fhosail a dh\u2019\u00f9isnichear ann an gi\u00f9lan a\u2019 ghoireis seo a dh\u2019Uibhist a Tuath gu m\u00f2r.<\/p>\n<p>Mar a dh\u2019fh\u00e0sas sinn, c\u00f9maidh sinn oirnn a\u2019 sireadh dh\u00f2ighean \u00f9ra a chuireas ris na cleachdannan so-sheasmhach againn, biodh sin le bhith a\u2019 faighinn brosnachadh o \u00f9r-ghn\u00e0thachadh anns a\u2019 choimhearsnachd no a\u2019 sti\u00f9ireadh ar ceuma fh\u00ecn a r\u00e8ir suidheachadh agus \u00e0rainneachd nan eilean.<\/p>\n<h2>\u00a0<\/h2>\n<h3>Am bu thoil leibh barrachd ionnsachadh mu Uist Asco agus mar a chuireas sinn ri co-sheasmhachd ann an Alba? Faodaidh tu leughadh mu na <span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/our-sustainability\/sustainable-ascophyllum-nodosum-harvesting\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">cleachdannan so-sheasmhach againn<\/a><\/span> agus mar a bhios sinn a\u2019 gl\u00e8idheadh a\u2019 bh\u00f2idhcheid n\u00e0darra agus na h-\u00e0rainneachd mun cuairt oirnn.<\/h3>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<h3><span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/fios-thugainn\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Ionnsaich barrachd mu Uist Asco<\/a><\/span><\/h3>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong><em><u>Artagailean Eile<\/u><\/em><\/strong><\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/a-bhuaidh-mhor-a-ni-companaidhean-ann-an-coimhearsnachd-bheag\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">A\u2019 Bhuaidh Mh\u00f2r a N\u00ec Companaidhean ann an Coimhearsnachd Bheag<\/a><\/span><\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/a-cumail-a-ghniomhachais-a-dol-gu-sabhailte\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">A\u2019 Cumail a\u2019 Ghn\u00ecomhachais a\u2019 Dol, gu S\u00e0bhailte<\/a><\/span><\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\"><a href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/eachdraidh-buain-na-feamad-agus-a-giullachd-ann-an-uibhist\/\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\">Eachdraidh Buain na Feamad agus a Giullachd ann an Uibhist<\/a><\/span><\/p>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Tha sinn a\u2019 faicinn gluasad misneachail air feadh na h-Alba agus daoine a\u2019 feuchainn ri co-chothrom fhaighinn eadar cumail suas coimhearsnachdan sgairteil agus d\u00econ na h-\u00e0rainneachd ionadail aca. Tha a bhith a\u2019 gabhail deagh ch\u00f9ram air an \u00e0rainneachd a\u2019 freagairt gu m\u00f2r air so-sheasmhachd, a\u2019 sealltainn nach feumte soirbheachas dhaoine a leigeil dhan d\u00e0rna taobh [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":13,"featured_media":1600,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","sticky":false,"template":"","format":"standard","meta":{"footnotes":""},"categories":[15,21,23],"tags":[],"class_list":["post-1605","post","type-post","status-publish","format-standard","has-post-thumbnail","hentry","category-pobail-ga","category-sabhailteachd","category-so-sheasmhach"],"yoast_head":"<!-- This site is optimized with the Yoast SEO plugin v27.8 - https:\/\/yoast.com\/product\/yoast-seo-wordpress\/ -->\n<title>So-sheasmhachd ann an Alba: 4 Aithrisean Soirbheachais a Bhrosnaicheas<\/title>\n<meta name=\"description\" content=\"Tha Albannaich a\u2019 d\u00e8anamh barrachd gus co-chothrom fhaighinn eadar coimhearsnachdan agus an \u00e0rainneachd ionadail. Seo dhuibh ceithir aithrisean air so-sheasmhachd shoirbheachail ann an Alba.\" \/>\n<meta name=\"robots\" content=\"index, follow, max-snippet:-1, max-image-preview:large, max-video-preview:-1\" \/>\n<link rel=\"canonical\" href=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/\" \/>\n<meta property=\"og:locale\" content=\"ga_IE\" \/>\n<meta property=\"og:type\" content=\"article\" \/>\n<meta property=\"og:title\" content=\"So-sheasmhachd ann an Alba: 4 Aithrisean Soirbheachais a Bhrosnaicheas\" \/>\n<meta property=\"og:description\" content=\"Tha Albannaich a\u2019 d\u00e8anamh barrachd gus co-chothrom fhaighinn eadar coimhearsnachdan agus an \u00e0rainneachd ionadail. Seo dhuibh ceithir aithrisean air so-sheasmhachd shoirbheachail ann an Alba.\" \/>\n<meta property=\"og:url\" content=\"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/\" \/>\n<meta property=\"og:site_name\" content=\"Uist Asco\" \/>\n<meta property=\"article:published_time\" content=\"2022-01-25T16:40:43+00:00\" \/>\n<meta property=\"og:image\" content=\"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/Asco-at-low-tide.jpg\" \/>\n\t<meta property=\"og:image:width\" content=\"1950\" \/>\n\t<meta property=\"og:image:height\" content=\"975\" \/>\n\t<meta property=\"og:image:type\" content=\"image\/jpeg\" \/>\n<meta name=\"author\" content=\"Acadian Communications\" \/>\n<meta name=\"twitter:card\" content=\"summary_large_image\" \/>\n<meta name=\"twitter:label1\" content=\"Written by\" \/>\n\t<meta name=\"twitter:data1\" content=\"Acadian Communications\" \/>\n\t<meta name=\"twitter:label2\" content=\"Est. reading time\" \/>\n\t<meta name=\"twitter:data2\" content=\"6 minutes\" \/>\n<script type=\"application\/ld+json\" class=\"yoast-schema-graph\">{\"@context\":\"https:\\\/\\\/schema.org\",\"@graph\":[{\"@type\":\"Article\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\\\/#article\",\"isPartOf\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\\\/\"},\"author\":{\"name\":\"Acadian Communications\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#\\\/schema\\\/person\\\/0b904e72b93b78cb20a9e60f7a5594b2\"},\"headline\":\"4 Aithrisean air Soirbheachas So-sheasmhach ann an Innse Gall agus Alba \u2013 A\u2019 Cur Ar Saoghail Am Feabhas\",\"datePublished\":\"2022-01-25T16:40:43+00:00\",\"mainEntityOfPage\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\\\/\"},\"wordCount\":1372,\"publisher\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#organization\"},\"image\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\\\/#primaryimage\"},\"thumbnailUrl\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2022\\\/01\\\/Asco-at-low-tide.jpg\",\"articleSection\":[\"Pobail\",\"S\u00e0bhailteachd\",\"So-sheasmhach\"],\"inLanguage\":\"ga-IE\"},{\"@type\":\"WebPage\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\\\/\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\\\/\",\"name\":\"So-sheasmhachd ann an Alba: 4 Aithrisean Soirbheachais a Bhrosnaicheas\",\"isPartOf\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#website\"},\"primaryImageOfPage\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\\\/#primaryimage\"},\"image\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\\\/#primaryimage\"},\"thumbnailUrl\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2022\\\/01\\\/Asco-at-low-tide.jpg\",\"datePublished\":\"2022-01-25T16:40:43+00:00\",\"description\":\"Tha Albannaich a\u2019 d\u00e8anamh barrachd gus co-chothrom fhaighinn eadar coimhearsnachdan agus an \u00e0rainneachd ionadail. Seo dhuibh ceithir aithrisean air so-sheasmhachd shoirbheachail ann an Alba.\",\"breadcrumb\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\\\/#breadcrumb\"},\"inLanguage\":\"ga-IE\",\"potentialAction\":[{\"@type\":\"ReadAction\",\"target\":[\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\\\/\"]}]},{\"@type\":\"ImageObject\",\"inLanguage\":\"ga-IE\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\\\/#primaryimage\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2022\\\/01\\\/Asco-at-low-tide.jpg\",\"contentUrl\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2022\\\/01\\\/Asco-at-low-tide.jpg\",\"width\":1950,\"height\":975,\"caption\":\"4 Sustainable Success Stories in the Hebrides and Scotland \u2014 Making Our World a Better Place\"},{\"@type\":\"BreadcrumbList\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\\\/#breadcrumb\",\"itemListElement\":[{\"@type\":\"ListItem\",\"position\":1,\"name\":\"Home\",\"item\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/\"},{\"@type\":\"ListItem\",\"position\":2,\"name\":\"4 Aithrisean air Soirbheachas So-sheasmhach ann an Innse Gall agus Alba \u2013 A\u2019 Cur Ar Saoghail Am Feabhas\"}]},{\"@type\":\"WebSite\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#website\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/\",\"name\":\"Uist Asco\",\"description\":\"Scottish Seaweed\",\"publisher\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#organization\"},\"potentialAction\":[{\"@type\":\"SearchAction\",\"target\":{\"@type\":\"EntryPoint\",\"urlTemplate\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/?s={search_term_string}\"},\"query-input\":{\"@type\":\"PropertyValueSpecification\",\"valueRequired\":true,\"valueName\":\"search_term_string\"}}],\"inLanguage\":\"ga-IE\"},{\"@type\":\"Organization\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#organization\",\"name\":\"Arramara\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/\",\"logo\":{\"@type\":\"ImageObject\",\"inLanguage\":\"ga-IE\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#\\\/schema\\\/logo\\\/image\\\/\",\"url\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2018\\\/11\\\/Group-205@2x.png\",\"contentUrl\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/wp-content\\\/uploads\\\/2018\\\/11\\\/Group-205@2x.png\",\"width\":261,\"height\":261,\"caption\":\"Arramara\"},\"image\":{\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#\\\/schema\\\/logo\\\/image\\\/\"}},{\"@type\":\"Person\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/#\\\/schema\\\/person\\\/0b904e72b93b78cb20a9e60f7a5594b2\",\"name\":\"Acadian Communications\",\"image\":{\"@type\":\"ImageObject\",\"inLanguage\":\"ga-IE\",\"@id\":\"https:\\\/\\\/secure.gravatar.com\\\/avatar\\\/f85f0d078c774304c8668e109bd7244f8ba9321c071b97c2110adac8d84e4c56?s=96&d=mm&r=g\",\"url\":\"https:\\\/\\\/secure.gravatar.com\\\/avatar\\\/f85f0d078c774304c8668e109bd7244f8ba9321c071b97c2110adac8d84e4c56?s=96&d=mm&r=g\",\"contentUrl\":\"https:\\\/\\\/secure.gravatar.com\\\/avatar\\\/f85f0d078c774304c8668e109bd7244f8ba9321c071b97c2110adac8d84e4c56?s=96&d=mm&r=g\",\"caption\":\"Acadian Communications\"},\"url\":\"https:\\\/\\\/www.uistasco.com\\\/ga\\\/author\\\/acadian-communications\\\/\"}]}<\/script>\n<!-- \/ Yoast SEO plugin. -->","yoast_head_json":{"title":"So-sheasmhachd ann an Alba: 4 Aithrisean Soirbheachais a Bhrosnaicheas","description":"Tha Albannaich a\u2019 d\u00e8anamh barrachd gus co-chothrom fhaighinn eadar coimhearsnachdan agus an \u00e0rainneachd ionadail. Seo dhuibh ceithir aithrisean air so-sheasmhachd shoirbheachail ann an Alba.","robots":{"index":"index","follow":"follow","max-snippet":"max-snippet:-1","max-image-preview":"max-image-preview:large","max-video-preview":"max-video-preview:-1"},"canonical":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/","og_locale":"ga_IE","og_type":"article","og_title":"So-sheasmhachd ann an Alba: 4 Aithrisean Soirbheachais a Bhrosnaicheas","og_description":"Tha Albannaich a\u2019 d\u00e8anamh barrachd gus co-chothrom fhaighinn eadar coimhearsnachdan agus an \u00e0rainneachd ionadail. Seo dhuibh ceithir aithrisean air so-sheasmhachd shoirbheachail ann an Alba.","og_url":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/","og_site_name":"Uist Asco","article_published_time":"2022-01-25T16:40:43+00:00","og_image":[{"width":1950,"height":975,"url":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/Asco-at-low-tide.jpg","type":"image\/jpeg"}],"author":"Acadian Communications","twitter_card":"summary_large_image","twitter_misc":{"Written by":"Acadian Communications","Est. reading time":"6 minutes"},"schema":{"@context":"https:\/\/schema.org","@graph":[{"@type":"Article","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/#article","isPartOf":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/"},"author":{"name":"Acadian Communications","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#\/schema\/person\/0b904e72b93b78cb20a9e60f7a5594b2"},"headline":"4 Aithrisean air Soirbheachas So-sheasmhach ann an Innse Gall agus Alba \u2013 A\u2019 Cur Ar Saoghail Am Feabhas","datePublished":"2022-01-25T16:40:43+00:00","mainEntityOfPage":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/"},"wordCount":1372,"publisher":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#organization"},"image":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/#primaryimage"},"thumbnailUrl":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/Asco-at-low-tide.jpg","articleSection":["Pobail","S\u00e0bhailteachd","So-sheasmhach"],"inLanguage":"ga-IE"},{"@type":"WebPage","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/","url":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/","name":"So-sheasmhachd ann an Alba: 4 Aithrisean Soirbheachais a Bhrosnaicheas","isPartOf":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#website"},"primaryImageOfPage":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/#primaryimage"},"image":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/#primaryimage"},"thumbnailUrl":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/Asco-at-low-tide.jpg","datePublished":"2022-01-25T16:40:43+00:00","description":"Tha Albannaich a\u2019 d\u00e8anamh barrachd gus co-chothrom fhaighinn eadar coimhearsnachdan agus an \u00e0rainneachd ionadail. Seo dhuibh ceithir aithrisean air so-sheasmhachd shoirbheachail ann an Alba.","breadcrumb":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/#breadcrumb"},"inLanguage":"ga-IE","potentialAction":[{"@type":"ReadAction","target":["https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/"]}]},{"@type":"ImageObject","inLanguage":"ga-IE","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/#primaryimage","url":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/Asco-at-low-tide.jpg","contentUrl":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/Asco-at-low-tide.jpg","width":1950,"height":975,"caption":"4 Sustainable Success Stories in the Hebrides and Scotland \u2014 Making Our World a Better Place"},{"@type":"BreadcrumbList","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/so-sheasmhachd-alba-uist-asco\/#breadcrumb","itemListElement":[{"@type":"ListItem","position":1,"name":"Home","item":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/"},{"@type":"ListItem","position":2,"name":"4 Aithrisean air Soirbheachas So-sheasmhach ann an Innse Gall agus Alba \u2013 A\u2019 Cur Ar Saoghail Am Feabhas"}]},{"@type":"WebSite","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#website","url":"https:\/\/www.uistasco.com\/","name":"Uist Asco","description":"Scottish Seaweed","publisher":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#organization"},"potentialAction":[{"@type":"SearchAction","target":{"@type":"EntryPoint","urlTemplate":"https:\/\/www.uistasco.com\/?s={search_term_string}"},"query-input":{"@type":"PropertyValueSpecification","valueRequired":true,"valueName":"search_term_string"}}],"inLanguage":"ga-IE"},{"@type":"Organization","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#organization","name":"Arramara","url":"https:\/\/www.uistasco.com\/","logo":{"@type":"ImageObject","inLanguage":"ga-IE","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#\/schema\/logo\/image\/","url":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2018\/11\/Group-205@2x.png","contentUrl":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2018\/11\/Group-205@2x.png","width":261,"height":261,"caption":"Arramara"},"image":{"@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#\/schema\/logo\/image\/"}},{"@type":"Person","@id":"https:\/\/www.uistasco.com\/#\/schema\/person\/0b904e72b93b78cb20a9e60f7a5594b2","name":"Acadian Communications","image":{"@type":"ImageObject","inLanguage":"ga-IE","@id":"https:\/\/secure.gravatar.com\/avatar\/f85f0d078c774304c8668e109bd7244f8ba9321c071b97c2110adac8d84e4c56?s=96&d=mm&r=g","url":"https:\/\/secure.gravatar.com\/avatar\/f85f0d078c774304c8668e109bd7244f8ba9321c071b97c2110adac8d84e4c56?s=96&d=mm&r=g","contentUrl":"https:\/\/secure.gravatar.com\/avatar\/f85f0d078c774304c8668e109bd7244f8ba9321c071b97c2110adac8d84e4c56?s=96&d=mm&r=g","caption":"Acadian Communications"},"url":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/author\/acadian-communications\/"}]}},"fimg_url":"https:\/\/www.uistasco.com\/wp-content\/uploads\/2022\/01\/Asco-at-low-tide.jpg","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/1605","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/posts"}],"about":[{"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/types\/post"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/users\/13"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=1605"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/posts\/1605\/revisions"}],"wp:featuredmedia":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/media\/1600"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=1605"}],"wp:term":[{"taxonomy":"category","embeddable":true,"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/categories?post=1605"},{"taxonomy":"post_tag","embeddable":true,"href":"https:\/\/www.uistasco.com\/ga\/wp-json\/wp\/v2\/tags?post=1605"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}