Cleachdaidhean So-sheasmhach

 

Tha na h-uisgeachan fuara mu thimcheall nan Eileanan Siar ann an Alba glan gun truailleadh, beò le iomadh seòrsa fiadh-bheatha, agus bidh iad a’ toirt tacsa do choimhearsnachdan eileanach a th’ air a bhith ann o shean. Nuair a bhios sinn a’ buain na feamad sna h-uisgeachan beairteach seo bidh sinn daonnan a’ beachdachadh air a’ bhuaidh a th’ againn air an àrainneachd agus air a’ choimhearsnachd – agus air a’ chleachdadh àrsaidh Albannach seo.

 

Tha so-sheasmhachd agus glèidheadh na h-àrainneachd aig cridhe obair Uist Asco. Eadar dòighean-buana so-sheasmhach agus manaidseadh gnìomhach an stòrais, bidh sinn ag obair gus solar maireannach den fheamainn Ascophyllum nodosum a chumail suas a tha gu buannachd eaconomaidh agus àrainneachd na h-Alba san ùine fhada.

 

Seo na bhios sinne a’ dèanamh an-diugh às leth an latha a-màireach:

Buain Sho-sheasmhach

Tòisichidh na h-oidhirpean againn air glèidheadh na h-àrainneachd leis a’ bhuain. Tha na dòighean-buana againn air an dealbhadh le aire air mairsinneachd na feamad fiadhain. Bidh sinn a’ buain le làimh air neo ràcain shònraichte a nì cinnteach gu bheil gu leòr ann gus fàs às ùr.

Saidheans Ghoireasan

’S e dleastasan fìor-chudromach a th’ ann dhuinn a’ gabhail cùram ri Ascophyllum nodosum Albannach. Bidh am Bith-eòlaiche Ghoireasan a’ sgrùdadh agus a’ tomhas na th’ ann de dh’fheamainn sa chladach, a’ measadh slàinte na h-àrainneachd mara ach an toir iad stiùireadh don Chompanaidh agus a Luchd-buana a thaobh buana so-sheasmhaich.

Manaidseadh Stòrais

Mar luchd-glèidhidh na h-àrainneachd mara, tha rannsachadh air sealltainn gur e stòras mara a bhios ag ùrachadh gu luath a th’ ann am feamainn fhiadhain a th’ air an deagh mhanaidseadh. Bidh am Manaidsear Ghoireasan ag obair gu dlùth ris an Luchd-buana gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ cumail ris na cleachdaidhean stiùiridh so-sheasmhach againn.

Gèilleadh RHI

Cha bhi an dleastanas a th’ oirnn do sho-sheasmhachd a’ sgur aig a’ bhuain. Bidh Uist Asco a’ sìor-obrachadh ach am bi giullachd na feamad a’ tachairt san dòigh as so-sheasmhaiche, le bhith a’ tiormachadh a’ bhathair againn le pròiseas a tha a rèir mholaidhean an riaghaltais a thaobh teasachaidh ath-nuadhachail (Renewable Heat Incentive, RHI), an àite connaidh-fhosail. ’S e prìomhachas obrachaidh a th’ ann an lùghdachadh na buaidhe a bheir sinn air an àrainneachd.

Deiseil gus bith-beò a dhèanamh fhad ’s a nì thu diofar?

Thig a Bhuain

Ag iarraidh nan naidheachdan as ùire air a’ bhuain, a’ choimhearsnachd agus Uist Asco?

Leugh am Bloga Againn