Dòighean-buana

 

Bidh an dòigh sam bi sinn a’ buain na feamad a’ toirt buaidh air àrainneachd agus coimhearsnachdan nan Eileanan Siar, agus sin a’ fàgail gur e prìomhachas a th’ anns na dòighean-obrach so-sheasmhach againn. Tòisichidh ar dleastanas leis a’ bhuain agus dòighean-obrach an Luchd-buana againn. Seo agaibh sealladh air mar a bhios sinn a’ toirt feamad nàdarra gu daoine ann an Alba agus thall thairis.

A’ Buain le Làimh

 

O chionn fada ann an Alba, bhuaineadh daoine feamainn le làimh. Bidh an Luchd-buana a chumas ris a’ chleachdadh seo a’ dol a-mach air an tràghadh gus feamainn Ascophyllum nodosum a bhuain o na creagan. A’ cleachdadh corran-fiaclach, bidh an Luchd-buana a’ buain na feamad on chas (carraig/freumh), a’ dèanamh cinnteach gum fàg iad eadar 5 gu 20 cm air a’ chreag. Tha seo a’ leigeil leis an fheamainn fàs às ùr a-rithist.

 

Mar a gheàrras an Luchd-buana feamainn o na creagan, bidh iad an uair sin ga badadh ri chèile ann am maoisean (no ball-feamad) airson a thoirt air tìr gu giullachd. Ma tha sibh air a bhith mu chòrsa Uibhist, ’s dòcha gum faca sibh an Luchd-buana ann an cnapaichean a’ falbh o mhaois gu maois. Fon stiùireadh stòrais nàdarra againn, bithear a’ leigeil leis gach raon feamad fàs a-rithist airson eadar trì agus còig bliadhna mus till an Luchd-buana.

A’ Buain le Sgoth is Ràcan

 

Feumaidh an dòigh-bhuana thradaiseanta for a thoirt air an t-sìde-mhara. Nuair a thig an làn a-steach, stadaidh a’ bhuain. Ach leis an dòigh-obrach againn a chuireas sgoth is ràcan gu feum, faodaidh an Luchd-buana meudachadh a thoirt air na thathar a’ toirt a-steach gun a bhith a’ dèanamh cron air an àrainneachd.

 

A’ cleachdadh ràcain shònraichte le cas nas fhaide, faodaidh an Luchd-buana a’ dol a dh’iarraidh Ascophyllum nodosum air làn sam bith. Beàrraidh iad luchd reusanta de dh’fheamainn leis an ràcan shònraichte aca, agus thèid a thoirt a-steach dhan bhàta mus gluais iad dhan ath thè. Coltach ri buain le làimh, bidh an dòigh-obrach seo a’ piobrachadh na feamad gu fàs nas luaithe san ùine fhada aig a’ cheart àm ’s a dh’fhàgas i an àrainneachd seasmhach gu leòr.

Ag iarraidh barrachd ionnsachadh mu ar so-sheasmhachd?

Leugh am Bloga Againn

Ionnsaich mar a nì Uist Asco diofar! Cuir fios thugainn gus barrachd fhaighinn a-mach mu na dòighean-obrach so-sheasmhach agus feamainn nàdarra againn!

Fios thugainn